Sgùrr MhicCoinnich
Co-chomharran: 57°12′32″N 6°13′27″W / 57.208965°N 6.224083°W
'S i beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha ann an Sgùrr MhicCoinnich. Tha i 948m (3110 troigh) de dh'àirde.[1] Rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àird na beinne 28 an Damhair 2001.[2] Air mullach na beinne chithear càrn a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde. 'S e Beinn Rothaich a th' ann. Tha Sgùrr MhicCoinnich air ainmeachadh às dèidh John MacKenzie, sreapadair is fear-stiùiridh às an Eilean Sgitheanach, a bha a’ sreap còmhla ri Norman Collie. Is iongantach gu bheil ainm a shloinneadh air a’ bheinn sin agus ainmean nan ciad ainmean nan sreapadairean eile a thug ainm do Sgùrr Alasdair agus Sgùrr Thearlaich.
Sgùrr MhicCoinnich | |
---|---|
An Cuiltheann: na beanntan as fhaide deas air am faicinn bho Rubha an Dùnain, bho chli: Sgùrr na Banachdaich, Sgùrr Dearg, Sgùrr MhicCoinnich, Sgurr Sgumain (a' cur Sgùrr Alasdair am falach), Sgùrr Dubh an Dà Bheinn, Sgurr nan Eag, Garsbheinn | |
Àirde (m) | 948 |
Àirde (tr) | 3110 |
Àirde rinneach (m) | 56 |
air liosta | Beinn Rothaich, Murdo |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | an t-Eilean Sgitheanach |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (32) OS Explorer (411) |
Comharradh-clèithe | NG450210 |
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 449 210
Iomraidhean
deasaich- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ Database of British and Irish hills (Beurla)
Am Baisteir • Belig • Blà Bheinn • Bruach na Frìthe • Garsbheinn • Sgùrr Alasdair • Sgùrr na Banachdaich • Sgùrr Dubh Mòr • Sgùrr Dearg • Sgùrr nan Eag • Sgùrr an Fheadain • Sgùrr nan Gillean • Sgùrr a' Ghreadaidh • Sgùrr a' Mhadaidh • Sgùrr MhicCoinnich • Sgùrr Sgumain • Sgùrr Thuilm • Sgùrr Thearlaich • Sgùrr Thormaid