'S i beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha ann an Sgùrr an Fheadain. Tha i 688 m a dh'àirde.

Sgùrr an Fheadain leis an Waterpipe Gully

’S e fear inntinneach a th’ ann an Sgùrr an Fheadain a thaobh ainmeachadh. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon fhacal “feadan”. Tha sgoltadh mòr a’ ruith bho mhullach gu bonn na beinne agus canaidh saoghal sreap ris Waterpipe Gully. Tha coltas feadain air an sgoltadh sin agus dh’ainmeachadh a’ bheinn agus an sgoltadh às a dhèidh.

Ceanglaichean a-mach deasaich

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG449247