Rubha an Dùnain
Tha Rubha an Dùnain 'na rubha iomallach san Eilean Sgitheanach ann an Alba. Tha e ann am Minginis san àrd a deas den Chuiltheann. Tha an rubha corr is 30 m (98 troigh os cionn na mara. Tha Loch na h-Àirde suidhichte air an rubha le seann chanàl Lochlannach a tha ga cheangal ris a' mhuir. Chaidh bìrlinn a lorg anns an loch sin. Thathar den bheachd gun do chleachdadh an loch airson bàtaichean a ghlèidheadh agus gan slaodadh tron chanàl dhan mhuir is air ais.
Tha an rubha glè inntinneach a thaobh arceòlais, agus tha seann làraich bhon Linn Ùr na Cloiche agus nas ùire rim faicinn an sin. Tha dùn ann, an canàl Lochlannach, agus seòmar-tìodhlacaidh rin lorg air Rubha an Dùnain.
Às dèidh linn nan Lochlannach bha Clann Mhic Asgail a' fuireach aig an rubha, agus chithear fhathast làrach a' bhaile an-diugh, fiù 's taigh fear a' bhaile bhon 18mh linn. Bha daoine a' fuireach an sin gu ruige nam fuadaichean anns na 1860an[1]
Gheibhear ann air cois air deagh cheum coiseachd bhon àite campachaidh ann an Gleann Bhreatail. Ge-tà, tha an ceum a' fàs bog agus nas lugha nuair a ruigear an rubha.