Sgùrr Sgumain
Co-chomharran: 57°12′20″N 6°13′36″W / 57.205524°N 6.226656°W
'S i beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha ann an Sgùrr Sgumain. Tha i 947 m a dh'airde.[1] Rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh a thaobh àird na beinne 03 an Dùbhlachd 2013.[2] 'S i Beinn Rothaich a th' ann.
Sgùrr Sgumain | |
---|---|
A' sreap air Sgùrr Sgumain | |
Àirde (m) | 947 |
Àirde (tr) | 3107 |
Àirde rinneach (m) | 29 |
Màthair-mhullaich | Sgùrr Alasdair |
air liosta | Beinn Rothaich, Murdo |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | an t-Eilean Sgitheanach |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (32) OS Explorer (411) |
Comharradh-clèithe | NG448206 |
Tha an t-ainm Sgùrr Sgumain a’ tighinn bho “Sguman”. ’S e facal Gàidhlig a th’ ann airson beinne le cruth staic. Chleachdar am facal cuideachd airson soitheach a chleachdar gus uisge a chur a-mach à bàta [3] . Tha An Sguman cuideachd faisg air a’ Chuiltheann eadar na beanntan agus a’ mhuir. Tha pàirt air Sgùrr Sgumain leis an ainm A' Chìoch, ’s e creag mhòr a th’ ann a tha a’ tighinn a-mach à taobh Sgùrr Sgumain coltach ri cìoch. Canar ris Cìoch An Sgumain cuideachd (no Cìoch a Sgumain ann an Forbes [3] )Tha a' Chìoch agus Sgùrr Sgumain glè ainmeil le streapadairean, air sgàth 's gu bheil pailteas de rathaidean streap a' dol suas bho Choire Lagain faisg air a' Chìch gu mullach Sgùrr Sgumain.
Tha Loch Coir' a' Ghrunnda san ear-dheas dheth.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ Database of British and Irish hills (Beurla)
- ↑ 3.0 3.1 Forbes, Alexander R. 1923; The Place-Names of Skye. Paisley: Alexander Gardner
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 448 207
Am Baisteir • Belig • Blà Bheinn • Bruach na Frìthe • Garsbheinn • Sgùrr Alasdair • Sgùrr na Banachdaich • Sgùrr Dubh Mòr • Sgùrr Dearg • Sgùrr nan Eag • Sgùrr an Fheadain • Sgùrr nan Gillean • Sgùrr a' Ghreadaidh • Sgùrr a' Mhadaidh • Sgùrr MhicCoinnich • Sgùrr Sgumain • Sgùrr Thuilm • Sgùrr Thearlaich • Sgùrr Thormaid