Blà Bheinn
'S e beinn anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach a tha ann am Blà Bheinn. Tha i 928 m a dh'àirde agus 's e an aon Bheinn Rothaich anns a' Chuiltheann nach eil na phàirt de dhruim a' Chuilthinn, ach tha i mu a choinneamh air taobh eile Gleann Sligeachain. Tha dà mhullach oirre agus tha ceum cumhang gan ceangal ri chèile.
Blà Bheinn | |
---|---|
Blàbheinn (làimh chlì), a' Chlach Glas & Garbheinn bho Chille Bhrìghde | |
Àirde (m) | 928 |
Àirde (tr) | 3,044 |
air liosta | Beinn Rothaich |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | An t-Eilean Sgitheanach |
Mapa cumadh-tìre | Landranger 32 |
Comharradh-clèithe | NG52992174 |
'S e measgachadh de chànanan a th' anns an ainm. Tha bla a' tighinn bhon t-Seann-Lochlannais, agus a' ciallachadh gorm. Chan eil e ceangailte ris an fhacal blàth sa Ghàidhlig.[1] 'S e eileamaid Ghàidhlig a th' anns a' bheinn, ach tha òrdugh nam facal a' sealltainn gum b' àbhaist fjell a bhith air a' phìos sin den ainm.
Tha iomadh slighe a' toirt sreapadairean dhan mhullach, ach 's e an dòigh as cumanta a bhith a' leanainn a' cheuma gu ruige Coire Uaigneich bho thaobh an iar, far a bheil ceum math. An uair sin chan eil an t-slighe cho follaiseach, ach leanaidh e suas a' bheinn bhon ear-dheas tro chreagan is sgàirneach. Tha iomadh slighe sreap air gach taobh den cheum. Bidh cuid ga cheangal le Clach Glas agus Sgùrr nan Each.
Gheibhear sàr sheallaidhean den Chuiltheann bho mhullach Bhlà Bheinn.
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 531 217
Iomraidhean
deasaich- ↑ Drummond, Peter, 1991: Scottish Hill and Mountain Names, d. 78.
Am Baisteir • Belig • Blà Bheinn • Bruach na Frìthe • Garsbheinn • Sgùrr Alasdair • Sgùrr na Banachdaich • Sgùrr Dubh Mòr • Sgùrr Dearg • Sgùrr nan Eag • Sgùrr an Fheadain • Sgùrr nan Gillean • Sgùrr a' Ghreadaidh • Sgùrr a' Mhadaidh • Sgùrr MhicCoinnich • Sgùrr Sgumain • Sgùrr Thuilm • Sgùrr Thearlaich • Sgùrr Thormaid