'S e beinn ann am Frìth Fanaich air a' Ghàidhealtachd a th’ ann an Sgùrr Mòr. Tha e 1,110m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e eadar an A835 agus Srath Bran, suidhichte san tuath air Loch Fanaich agus san iar air Beinn Liath Mhòr Fanaich. Tha alltan a' sruthadh sìos air taobh an ear-dheas na beinne is a lìonadh Loch an Fhuar Thuill Mhòir.

Sgùrr Mòr (Fanaich)

Sgùrr Mòr bho druim Beinn Liath Mhòr Fanaich
Àirde (m) 1,110
Àirde (tr) 3,641
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Sgùrr Mòr (Fanaich) is located in Alba
Sgùrr Mòr (Fanaich)
Sgùrr Mòr (Fanaich) (Alba)
Suidheachadh Frìth Fanaich
Mapa cumadh-tìre Landranger 20
Comharradh-clèithe NH20337181

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho thaobh an ear Loch a' Ghlais-Chàrnaich le bhith ga cheangal le Beinn Liath Mhòr Fanaich. Mar sin bithear a' dìreadh druim Creag Dubh Fanaich, a' dol thairis air Beinn Liath Mhòr Fanaich mus ruigear Sgùrr Mòr. Dh'fhaodadh a cheangal fiù 's le Meall Gorm agus An Coileachan.[1]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air beanntan Frìth Fanaich, Achadh an Iasgair, Thoirbheartain, agus Achadh na Seileach. Tha Loch a' Mhadaidh suidhichte gu deas ann an coire faisg air Sgùrr Mòr.

Iomraidhean

deasaich
  1. Sgùrr Mòr air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: