'S e beinn ann am Frìth Fanaich air a’ Ghàidhealtachd a th’ ann am Beinn Liath Mhòr Fanaich (cuideachd Beinn Liath Mhòr Fannaich[1]). Tha e 954m de dh'àirde agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha e eadar an A835 agus Srath Bran, suidhichte san tuath air Loch Fanaich agus san ear air Sgùrr Mòr. Tha Allt a' Choire Ghuirm a' sruthadh sìos air taobh an ear-thuath na beinne is a lìonadh Loch Sgeireach. Sa dheas tha Loch Lì na laighe ann an coire.

Beinn Liath Mhòr Fanaich

Beinn Liath Mhòr bho Sgùrr Mòr
Àirde (m) 954
Àirde (tr) 3,129
air liosta Beinn Rothaich
Suidheachadh
Beinn Liath Mhòr Fanaich is located in Alba
Beinn Liath Mhòr Fanaich
Beinn Liath Mhòr Fanaich (Alba)
Suidheachadh Frìth Fanaich
Mapa cumadh-tìre Landranger 20
Comharradh-clèithe NH21987240

Mar as trice bithear a' dèanamh air a' bheinn seo bho thaobh an ear Loch a' Ghlais-Chàrnaich agus a' dìreadh druim Creag Dubh Fanaich mus ruigear am mullach. Dh'fhaodadh a cheangal le Sgùrr Mòr, agus fiù 's le Meall Gorm agus An Coileachan.[2]

Bhon mhullach gheibhear seallaidhean air leth air beanntan Frìth Fanaich, Achadh an Iasgair, Thoirbheartain, agus Achadh na Seileach.

Iomraidhean

deasaich
  1. Ordnance Survey Landranger 20
  2. Beinn Liath Mhòr Fanaich air Walkhighlands

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: