Loch an Fhuar Thuill Mhòir
'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch an Fhuar Thuill Mhòir no uaireannan Loch an Fhuar Thuill Mhòr.[1] Tha e suidhichte ann am Frìth Fanaich. Tha Beinn Liath Mhòr Fanaich (954m) agus Sgùrr Mòr (1,110m) tuath air agus Meall Gorm (949m) deas air an loch seo.
Co-chomharran: 57°41′30″N 4°59′58″W / 57.691600°N 4.999500°W
Tha coltas Loch an Fhuar Thuill Mhòir mar dà loch le cumhang eatarra. Tha an loch as motha cho mòr ri 4.1 ha (10.1 acair). 'S e 1.1 km (0.7 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 370 m a dh'fhad san àite as dìriche.[1] Chan eil eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 692 m (2270 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 14.4 km (8.9 mìle) air falbh bhon mhuir. Thèid an loch seo a lìonadh bhon tuath tro alltan a tha a' sruthadh sìos Sgùrr Mòr. San ear tha loch beag ann a tha cho mòr ri 0.2 ha (0.5 acair). 'S e 0.2 km (0.1 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 83 m a dh'fhad san àite as dìriche.[2] Tha eilean anns an loch seo. Tha bàrr uisge an locha mu 688 m (2257 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 14.4 km (9 mìle) air falbh bhon mhuir. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach as an loch seo chun an ear tro Steall an Fhuar Thuill Mhòir gu Loch Lì. Bhon an seo tha an t-uisge a' ruith chun an ear tro Abhainn a' Ghiubhais Lì agus an uair sin gu tuath tro Abhainn an Torrain Duibh do Loch a' Ghlais-Chàrnaich.
Chan eil duine sam bith a' fuireach faisg air Loch an Fhuar Thuill Mhòir agus mar sin chan rathaidean ann a leanas chun an locha seo.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH213708