Frìth Fanaich
'S e sgìre air a' Ghàidhealtachd a th' ann am Frìth Fanaich (Beurla: the Fannichs neo Fannich Forest). Tha e suidhichte eadar Loch Fanaich san ear-dheas agus Loch Bhraoin san iar-thuath. A rèir Dwelly tha am facal "fanaich" a' ciallachadh "àite rèidh" [1].
Tha i ainmeil air sgàth nam beann àrda aice le torr Beann Rothaich nam measg. Seo cuid dhiubh:
- Sgùrr Mòr 1,110m
- Sgùrr nan Clach Geala 1,093m
- Sgùrr Breac 999m
- A' Chailleach 997m
- Càrn na Crìche 961m
- Beinn Liath Mhòr Fanaich 954m
- Meall Gorm 949m
- Meall a' Chrasgaidh 934m
- Sgùrr nan Each 923m
- An Coileachan 923m
Oighreachd Fhanaich
deasaichTha an oighreachd Fhanaich suidhichte faisg air bruach a tuath Loch Fanaich aig cois Meall Gorm. Gu eachdraidheil chaidh an oighreachd a chleachdadh airson sealg is caoraich. Bho thus bha e na phàirt den oighreachd Lochrosque and Strathbran a bha aig Sir Arthur Bignold aig deireadh an 19mh. Leis a' phròiseact Neart nan Gleann chaidh bun-structar nan rathaidean a leasachadh timcheall air an dama aig ceann an ear Loch Fanaich agus tha slighe air bruach tuath an locha a' dol bho Aultdearg chun na h-oighreachd a-nis.
Tha an oighreachd a' gabhail a-steach 3700 ha. Chaidh a reic gu teaghlach ann an 1976[2].
Iomraidhean
deasaich- ↑ Faclair Gàidhlig air son nan sgoiltean le Edward Dwelly, 1902, td 411
- ↑ Eachdraidh oighreachd Fanaich[dead link] td 3 (Beurla)
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Gazetteer for Scotland
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NH 203 718
- Seann mhapa na sgìre