Co-chomharran: 57°38′44″N 4°59′58″W / 57.645600°N 4.999400°W / 57.645600; -4.999400

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Fanaich[1][2], ainm eile Loch Fainich[3], (Beurla: Loch Fannich). Tha e suidhichte ann an Gleann Conan, anns a' Ghàidhealtachd, mu 20 km (12 mìle) iar air Srath Pheofhair. Canar Frìth Fanaich ris an sgìre a tha tuath air an loch seo.

Loch Fanaich

Bàrr uisge (m os cionn na mara) 256 m
Fad (m) 8.5 km
Seòrsa Loch-uisge
Suidheachadh
Loch Fanaich is located in Alba
Loch Fanaich
Loch Fanaich (Alba)
Suidheachadh a' Ghàidhealtachd
Comharradh-clèithe NH210656

An loch

deasaich

'S e farsaingeachd an locha 1080 ha (2668 acair). 'S e 30.7 km (19.1 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 8.5 km am faid san àite as dìriche[4]. Tha bàrr uisge an locha mu 256 m (840 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 19.4 km (12 mìle) air falbh bhon mhuir. Chan eil ach aon eilean bìodach anns an loch seo a tha suidhichte aig ceann an ear an locha.

Thèid an loch a lìonadh san iar le Abhainn Nid, Allt Leac a' Bhealaich agus Abhainn a' Chadha Bhuidhe agus tha Allt na h-Ara agus an t-Alltan Glas a' sruthadh a-steach do Loch Fanaich bhon tuath. Bhon deas tha Allt na Mòine, Alltan Thòmais agus Alltan Tearra a' lìonadh an loch seo. A bharrachd air sin tha torr altan beaga eile ann.

'S e loch-tasgaidh a th' ann an-diugh. Air sgàth 's gu bheil tòrr bheanntan àrda timcheall air Loch Fanaich, bhathar dhen bheachd gun robh e freagarrachd airson a' phròiseict Neart nan Gleann. Chaidh dama a thogail ann ceann an ear an locha leis an Ross-shire Electricity Supply Company. Tha an t-uisge a' sruthadh tro thunail chun an stèisean-cumhachd Grudie Bridge Power Station. Gheibhear mu 18.7 megawatt, agus mu 87 millean kWh sa mheadhan gach bliadhna a-mach às an stèisean-cumhachd seo[5]. B' e sin a chiad dama a chaidh a thogail gus dealan-uisge a chruthachadh airson an Conon Hydro-Electric Power Scheme. An-diugh tha an sgeama a' gabhail a-steach sia damaichean agus seachd stèiseanan-cumhachd uisge[5].

Dealbhan

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Ainmean-àite na h-Alba
  2. Faclair Beag
  3. Stòr-dàta Briathrachais
  4. Fiosrachadh aig British Lakes
  5. 5.0 5.1 Conon Hydro Scheme”. SSE Renewables. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2023.

Faic cuideachd

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: