'S e neach poileataigs a tha ann an Seac MacConaill (Beurla: Jack McConnell). Rugadh e 30 an t-Ògmhios, 1960 ann an Irbhinn, taobh a tuath Siorrachd Àir.

Seac MacConaill
Ball de Chomhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte


Ball 1mh Phàrlamaid na h-Alba

6 dhen Chèitean 1999 - 31 dhen Mhàrt 2003
Sgìre: Tobar na Màthar is Wishaw
Taghadh: Taghadh Albannach 1999
Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhais, Fastaidh is Fàs So-sheasmhaich

17 dhen Chèitean 1999 - 26 dhen Dàmhair 2000
← no value - Angus MacKay (en) Translate
Ministear an Ionmhais

17 dhen Chèitean 1999 - 26 dhen Dàmhair 2000 - Angus MacKay (en) Translate
Ministear an Fhoghlaim, na Roinn-Eòrpa is Cùisean Cèin

26 dhen Dàmhair 2000 - 22 dhen t-Samhain 2001
Sam Galbraith (mul) Translate - Cathy Jamieson (mul) Translate
Runaire a' Chaibineit airson Foghlaim agus Ionnsachaidh Fad-beatha

26 dhen Dàmhair 2000 - 22 dhen t-Samhain 2001
Sam Galbraith (mul) Translate - Cathy Jamieson (mul) Translate
3. Prìomh-mhinistear na h-Alba

22 dhen t-Samhain 2001 - 16 dhen Chèitean 2007
Seumas Uallas - Ailig Salmond
Ceannard Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

22 dhen t-Samhain 2001 - 15 dhen Lùnastal 2007 - Wendy NicAlasdair
Ball 2mh Pàrlamaid na h-Alba

1 dhen Chèitean 2003 - 2 dhen Ghiblean 2007
Sgìre: Tobar na Màthar is Wishaw
Taghadh: Taghadh Albannach 2003
Ball 3mh Pàrlamaid na h-Alba

3 dhen Chèitean 2007 - 22 dhen Mhàrt 2011
Sgìre: Tobar na Màthar is Wishaw
Taghadh: Taghadh Albannach 2007
Ceannard nan Dùbhlanach (Alba)

17 dhen Chèitean 2007 - 15 dhen Lùnastal 2007
Nicola Sturgeon - Cathy Jamieson (mul) Translate
ball Taigh nam Morairean

28 dhen Ògmhios 2010 -
Beatha
Breith Irbhinn, 30 dhen Ògmhios 1960
Dùthaich  Alba
Teaghlach
Cèile Bridget McConnell (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh Shruighlea
Arran High School (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus neach-teagaisg
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Làbarach
Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

B' e ceann a' Phàrtaidh Làbarach Albannach a th' ann agus b' e Prìomh-Mhinistear na h-Alba a bh' ann mus do bhuannaich Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba an taghadh ann an 2007.[1]

Ged a chaidh a bhreith an Irbhinn chuir e seachad òigridh air tuathanas chaora air Eilean Arainn. Aig aois sia-deug ghabh e pàirt ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ach cha do dh'fhuirich e ann robh fhada. An deidh dhol gu Àrd Sgoil Arainn chaidh e rannsachadh foghlam aig Oilthigh Sruighlea far an robh e na cheannard tarsainn air a' Chomann Oileanach. A ceumnachadh ann an 1983 thoisich e ag obair mar maighstir a' teagasg eòlas-àireamh ann an Alamhagh, Siorrachd Chlach Mhanainn agus chum e an obair seo fhad 's a bha e na chomhairliche.

Ghabh e dreuchd mar Rùnaire am Pàrtaidh Làbarach ann an 1992. Rinn e adhartas mòr le mar a dh'obair e mu an taghaidh an 1997 nuair a bhuannaich na Làbaraich gu mòr. Bho 1999 sheas e mar Ball-Pàrlamaid anns a' chiad thaghadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an Tobar na Màthar agus Wishaw Thug Dòmhnall Mac an Deòir, a' chiad Prìomh Ministear na h-Alba, obair dha mar Rùnaire Ionmhasail. Le bàs Dewar an 2000 sheas MacDhòmhnaill an aghaidh Eanraig MacGillÌosa anns an taghaidh airson ceannard ùr am Pàrtaidh agus Prìomh-Mhinistear ùr Alba ach chaill e. Na àite dh'obair e mar Rùnaire Foghlam, an Roinn-Eòrpa agus Cùisean a-Muigh fo MhacGillÌosa. An dèidh do MacGillÌosa a dhreuchd fhàgail an dèidh sgannal ghabh MacConaill àite mar am Prìomh-Mhinistear as aonais co-fharpais sam bith. Chaidh e na bhall Taigh nam Morairean ann an 2011 agus tha an tiotal Am Morair MacConaill à Gleann Sgoradail aige.[2]

Thug e seachad Òraid an t-Sabhail ann an 2004.[3]

Ainm-sloinnidh sa Ghàidhlig

deasaich

Tha a h-uile teansa ann gur e MacDhòmhnaill a bh' air a theaghlach bho thùs a chionn 's gur e Arainneach a th' ann is a chionn 's gum biodh ur-dhubhadh ann an Gàidhlig Arainn a dhèanadh fuaimneachadh MacConaill de MhacDhòmhnaill. Ach chan eil fios no cinnte againn mu dheidhinn sin, agus is e “Seac MacConaill” an t-ainm Gàidhlig a bh' air aig a' Phàrlamaid,[4][5] agus anns na meadhanan Gàidhlig gu léir nuair a bha e ’na Phrìomh-mhinistear.

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Pàrlamaid na h-Alba: Jack McConnell (Beurla). Air a tharraing 3 am Màrt 2016.
  2. An t-Albannach: Holyrood needs rude awakening, says Lord McConnell (Beurla). Air a tharraing 24 an Gearran 2016.
  3. Òraid an t-Sabhail”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 19mh dhen t-Samhain 2017.
  4. Pàrlamaid na h-Alba: Toraidhean taghaidh 2003 (PDF)
  5. Pàrlamaid na h-Alba: Toraidhean taghaidh 2007 (PDF)