Am Pàrtaidh Làbarach
'S e pàrtaidh mòr sòisealach deamocratach san Rìoghachd Aonaichte a tha anns a' Phàrtaidh Làbarach.
Chaidh a stèidheachadh, mar Chomataidh Riochdachaidh Làbarach, ann an 1900, nuair a bhuannaich iad dà sheat san Taigh nan Cumantan, Keir Hardie airson Merthyr Tydfil agus Richard Bell airson Derby, is bha Am Pàrtaidh Làbarach air o 1906.
Dh'inntrig Arthur Henderson a' chaibineit aig àm a' Chogaidh Mhòr[1] ach aig an aon àm rinn Keir Hardie iomairt an aghaidh a' chogaidh.[2]
Bhuannaich na Làbaraich 191 seataichean ann an 1923 is dh'iarr an Rìgh orra riaghaltas a chruthachadh ann an 1924 fo Ramsay MacDonald ach chaill iad taghadh eile anns an Dàmhair.[3] Thill iad dhan riaghaltais ann an 1929 ach thuit an riaghaltas seo ann an 1931[4] is dh'iarr an Rìgh air MacDonald riaghaltas nàiseanta leis na Tòraidhean agus na Libearalaich a stiùireadh. Rinn an riaghaltas seo gearraidhean mòra.[5]
Bha iomadh Làbarach a-rithist anns a' chaibineit aig àm an Dàrna Chogaidh is bhuannaich Clement Attlee an taghadh coitcheann ann an 1945. Chruthaich an riaghaltas seo Seirbheis Nàiseanta na Slàinte, thug an riaghaltas neo-eisimeileachd do dh'Iosrael, do Phagastan is dhan Innseachan, is stèidhich iad an stàit shochairean. Cuir iad cuideachd na rèilean ann an sealbh na stàite. Chaill na Làbaraich an taghadh coitcheann ann an 1951.[6]
Bhuannaich Harold Wilson an taghadh coitcheann ann an 1964 is stèidhich an riaghaltas còraichean airson ban, daoine gèidh agus laghan an aghaidh leth-bhreith a thaobh cinnidh. Bha an Libearalach Dàibhidh Steel cuideachd an sàs nan iomairtean siud. Stèidhich an riaghaltas cuideachd An t-Oilthigh Fosgailte. Bhuannaich na Tòraidhean an taghadh ann an 1970 ach thill Wilson ann an 1974. Leig e a dhreuchd suas gu h-obann ann an 1976.[7] Lean James Callaghan e mar phrìomhaire is mar cheannard ach chaill e an taghadh ann an 1979 do Mhargaret Thatcher is bha na Làbaraich taobh a-muigh an riaghaltais fo Michael Foot, Neil Kinnock agus John Smith gu ruige 1997.
Anns na 1980an dh'fhàg Shirley Williams, David Owen, Roy Jenkins agus Bill Rodgers am pàrtaidh is stèidhich iad am Pàrtaidh Sòisealach Deamocratach. Bhuannaich am pàrtaidh frith-thaghaidhean ach cha bhuannaich iad iomadh seat san taghadh coitcheann 1983 is dh'aontaich iad leis na Libearalaich.[8]
Bhuannaich Tony Blair an taghadh coitcheann ann an 1997. Stiùir an riaghaltas seo reifreannan air tiomnadh cumhachdan do dh'Alba agus dhan Chuimrigh, shoidhnich e Aonta Dihaoine na Ceusta, is thug an Seannsalair Gordon Brown neo-eisimeileachd dhan Banca Shasainn, ach bha an riaghaltas as ainmeile airson a' chogaidh connspaideach an aghaidh Iorac ann an 2003. Bhuannaich iad an taghadh ann an 2005, ach leig Blair a dhreuchd suas ann an 2007.[9] Lean a sheannsalair, Gordon Brown, e mar phrìomhaire. Bha e gu math cudromach anns an èiginn eaconomach eadar-nàiseanta an dèidh do 2008 is chuir a riaghaltas an t-Achd Atharrachadh Clìomaid ann an lagh ann an 2008. Chaill e an taghadh coitcheann ann an 2010.[10]
An dèidh sin chaidh Ed Miliband thaghadh mar cheannard an aghaidh tagraichean eile mar a bhràthair Dàibhidh Miliband agus Ed Balls[11] ach chaill na Làbaraich an taghadh coitcheann ann an 2015 is lean Jeremy Corbyn e mar cheannard.[12]
An dèidh do Reifreann Brexit chaill na Làbaraich taghadh coitcheann eile ann an 2017 is dh'fhàg seachdnar BP am pàrtaidh anns an Gearran 2019 is iad a' gearain mu phoileasaidhean a' phàrtaidh air Brexit, gràin an aghaidh Iùdhach agus burraidheachd.[13] As dèidh do Bhoris Johnson an taghadh coitcheann ann an 2019 a bhuannachadh, leig Jeremy Corbyn an ceannardas suas is lean Keir Starmer mar cheannard a' phàrtaidh e as dèidh taghadh anns an do sheas Lisa Nandy agus Rebecca Long-Bailey cuideachd.[14]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Arthur Henderson - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ “Historic Figures: James Keir Hardie (1856 - 1915)”. BBC - History. Air a thogail 23mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ “Ramsay MacDonald 1924”. The Cabinet Papers. Na Tasg-lannan Nàiseanta. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2019.
- ↑ “Ramsay MacDonald 1929”. The Cabinet Papers. Na Tasg-lannan Nàiseanta. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2019.
- ↑ “Ramsay MacDonald 1931”. The Cabinet Papers. Na Tasg-lannan Nàiseanta. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2019.
- ↑ Crowcroft, Robert (11mh dhen Mhàrt 2014): “Clement Attlee: enigmatic, out of time – and formidable”. History of Government. GOV.UK. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2019.
- ↑ “History of Harold Wilson”. GOV.UK. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2019.
- ↑ Scott, Jennifer: “Who were the Social Democratic Party?”, BBC News. 18mh dhen Ghearran 2019. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2019.
- ↑ “History of Tony Blair”. GOV.UK. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2019.
- ↑ “History of Gordon Brown”. GOV.UK. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2019.
- ↑ “Ed Miliband is elected leader of the Labour Party”, BBC News. 25mh dhen t-Sultain 2010. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2019.
- ↑ Mason, Rowena: “Labour leadership: Jeremy Corbyn elected with huge mandate”, The Guardian. 12mh dhen t-Sultain 2015. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2019.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 18mh dhen Ghearran 2019. Air a thogail 7mh dhen Mhàrt 2019.
- ↑ “New Labour leader Keir Starmer vows to lead party into 'new era'”, BBC News. 4mh dhen Ghiblean 2020. Air a thogail 4mh dhen Ghiblean 2020.
Keir Hardie (1906–1908) • Arthur Henderson (1908–1910) • George Barnes (1910–1911) • Ramsay MacDonald (1911–1914) • Arthur Henderson (1914–1917) • William Adamson (1917–1921) • J. R. Clynes (1921–1922) • Ramsay MacDonald (1922–1931) • Arthur Henderson (1931–1932) • George Lansbury (1932–1935) • Clement Attlee (1935–1955) • Hugh Gaitskell (1955–1963) • Harold Wilson (1963–1976) • James Callaghan (1976–1980) • Michael Foot (1980–1983) • Neil Kinnock (1983–1992) • John Smith (1992–1994) • Tony Blair (1994–2007) • Gordon Brown (2007–2010) • Ed Miliband (2010–2015) • Jeremy Corbyn (2015–2020) • Keir Starmer (2020–)