Anndra
'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Anndra[1]. 'S e ainm baistidh fireann a th' ann. Nochdaidh e ann an iomadh cànan Eòrpach, mar eisimpleir ann am Beurla mar Andrew, ann am Fraingis mar André agus ann an Gearmailtis mar Andreas.
Bunachas
deasaichThàinig an t-ainm bho thùs bhon ainm Ghreugach Ανδρέας (Andreas). Ann an seann Ghreugais tha ἀνήρ/ἀνδρός (anēr/andros) a' ciallachadh "duine dèanta, fearail, misneachail" [2].
Cruthan eile
deasaichChithear cruthan eile den ainm cuideachd: Aindrea[3][4], Aindreas[5][1] no Anndrais [1]. Nochdaidh na h-ainmean seo mar eisimpleir aig "Eaglais Naoimh Anndrais" agus an "Naomh Aindrea" fhèin[4].
Daoine air a bheil an t-ainm Anndra
deasaichFaic cuideachd
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 Mac an Tàilleir, Iain. "Ainmean Pearsanta" (faidhle docx). Sabhal Mòr Ostaig. d.12
- ↑ Online Etymology Dictionary
- ↑ MacLeod, Rev. Norman & Rev. Daniel Dewar, A Dictionary of the Gaelic Language in Two Parts, 1831, d.1006
- ↑ 4.0 4.1 Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3 d. 714
- ↑ Mac Farlane, Malcom (1912). "The School Gaelic Dictionary prepared for the use of learners of the Gaelic language". E. Mackay. d.143