Saalfeld/Saale
Saalfeld/Saale
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Saalfeld-Rudolstadt | ||||
Sgìre | Thüringen | ||||
Co-chomharran | 50° 39' 02' Tuath 11° 21' 15' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 48.75 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 25,098 (2013) | ||||
Dlùths | 514.83/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 (0)3671 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
‘S e baile meadhanach faisg air Rudolstadt ann an cridhe na Gearmailte a th’ ann an Saalfeld/Saale. Tha e suidhichte aig 235m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Saale am broinn na stàite Thüringen. Tha am baile 37km air falbh bho Weimar, 43km bho Erfurt, 57km bho Ghera agus 252km bho Bherlin.[1] Tha 25,098 duine a' fuireach ann.[2]
Eachdraidh
deasaichChaidh Saalfeld/Saale a chlàradh airson a’ chiad turais ann an 899.[3] Bha am baile fo smachd Ezzo von Lotheringen bho 1012 gus a leig a nighean e dhan eaglais ann an 1056, fo chùram Easbaigeachd Köln.[4] Thogadh Abaid ann an 1071 a chaidh a mhilleadh ri linn an Ath-leasachaidh ann an 1526.[5] Thug an teaghlach uasal Schwarzburg seilbh air Saalfeld ann an 1208, ga chumail gu ruige 1359, nuair a thug an teaghlach Wettin thairis air, ga chumail gu ruige Ar-a-mach na Gearmailt ann an 1918.[6] Fhuair Saalfeld còirichean a thaobh chìsean, mhalairt agus mhargaidhean ann an 1208, chaidh Talla a' Bhaile a thogail ann an 1359, ballachan-dìona ann an 1363, drochaid tarsainn na Saale ann an 1373 agus Taigh-cùirte ann an 1452.[7] Thogadh Abaid eile ann an 1250, a mhair gu ruige 1534. An dèidh an Ath-Leasachaidh bha suidheachadh a' bhaile gu math cugallach agus dhèidheadh e bho theaghlach uasal gu teaghlach uasal fad còrr is ceud bliadhna: bha e fo smachd Sagsainn-Weimar bho 1572 gu ruige 1603, Sagsainn-Altenburg gu ruige 1673 agus, mu dheireadh thall, Diùcachd Sagsainn-Coburg-Saalfeld ann an 1673. B' e prìomh-bhaile na Diùcachd sin a bh' ann bho 1699 gu ruige 1735.[8] Rinn teine droch mhilleadh air Saalfeld ann an 1517. Thug cath mòr àite an seo ann an 1806, nuair a chuir 14,000 saighdear às An Fhraing ruaig air 9,000 às A' Phruis.[9] An dèidh cogaidhean Ar-a-mach na Frainge, thoisich malairt a' fàs na bu treasa agus na bu treasa ri linn Tionndadh Gnìomhachais fad an 19mh Linn. B' e gearrastan Arm na Gearmailt a bh' ann Saalfeld bho 1936 gu ruige 1945. Chaidh Iùdhaich a' bhaile a mharbhadh uile gu lèir ri linn an darna Cogaidh, a bharrachd air 571 duine a chaidh a sheasgachadh an aghaidh an toil cuideachd. Air 9 an Giblean 1945, chaidh 208 duine a mharbhadh ann am bombaireachd.[10]