Gera
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Sgìre Thüringen
Co-chomharran 50° 52' 50' Tuath
12° 05' 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 151.93 km²
Àireamh-shluaigh 94,977 (2013)
Dlùths 625.14/km²
Àireamh fòn +49 (0)365 agus (0)36695
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

’S e baile mòr faisg air Greiz, air an àirde an ear-dheas na Gearmailte a th’ ann an Gera. Tha e suidhichte aig 194m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Weiße Elster, am broinne na stàite Thüringen. Tha am baile 28km air falbh bho Altenburg, 74km bho Erfurt, 59km bho Chemnitz agus 204km bho Bherlin.[1] Tha 94,977 duine a' fuireach ann.[2]

Eachdraidh deasaich

Chaidh Gera a chlàradh airson a' chiad turais ann an 995 agus chaidh an sgìre mu timcheall a' bhaile a chlàradh ann an 999, anns na sgrìobhainnean aig Abaid Quedlinburg.[3] Thug an teaghlach uasal Vögte von Gera seilbh air Gera ann an 1209.[4] Fhuair am baile a chuid chòirichean a thaobh chìsean agus mhalairt ann an 1239. Dh'fhulang am baile gu mòr ri linn Cogadh sìobhalta air an robh Cogadh Bràithreil na Sagsainne (Gearmailtis: Sächsischer Bruderkrieg) ann an 1450.[5] B' e prìomh-bhaile Reuß-Schleiz a bh' ann bho 1564 gu ruige 1918.[6] Rinn teintean droch sgrios agus milleadh air Gera dà thuras: a' chiad turas ann an 1686 agus an dàrna turas ann an 1780. Dh'fhàs Gera gu math beairteach fad na 19mh Linn agus chaidh iomadh taigh-gnìomhachais agus companaidh a stèidheachadh an seo agus bha àireamh-shluaigh a' bhaile a' sìor èirigh fad an t-siubhail. Dh'fhosgail a' bhùth Hertie a dhorsan ann an 1882 agus tha bùthan Hertie air feadh na Gearmailt an latha an-diugh.[7] Thoisich seirbheis trama ann an 1892, a tha fhathast ag obair. Thug Ar-a-mach na Gearmailt buaidh mhòr air Gera agus bha e na phàirt Saor-stàit Thüringen fad dà bhliadhna mus thoisich Poblachd Weimar ann an 1920.[8] Thugadh ionnsaigh air Gera air 6 an Giblean 1945, nuair a chaidh 514 duine a mharbhadh ann am bomadh feachdan-adhair nan Stàitean Aonaichte. Ràinig saighdearan Aimeireaganach san Ògmhios 1945 ach dh' fhàg iad am baile dhan Arm Dearg air 2 an t-Iuchar 1945.[9] B' e prìomh-bhaile na sgìre (Gearmailtis: bezirk) Gera a bh' ann bho 1952 gu ruige 1990. Thug an t-Arm Dearg ionnsaigh le tancaichean air Gera air 17 an t-Ògmhios ri linn Ar-a-mach 1953 an aghaidh an Aonaidh Sobhiat.[10]

Àireamh-shluaigh deasaich

Tha àireamh-shluaigh Gera air tuiteam gu mòr bho dheireadh an DDR ann an 1900, agus chan eil fiù 's 100,000 duine a' fuireach ann a-nis:

 
Atharrachadh Àireamh-shluaigh Ghera

Daoine Ainmeil deasaich

Bailtean Co-cheangailte deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Luft Linie
  2. Destatis
  3. Gera Chronik
  4. Manfred Hiebl
  5. Gera Höhler
  6. Almanach de Gotha
  7. Stern
  8. Uni Protokolle
  9. IZT Thüringen
  10. 17 Juni 1953

Ceanglaichean a-mach deasaich