B’ e dùthaich bheag ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1699 – 1825 a bh’ anns an Diùcachd Sagsainn-Coburg-Saalfeld (Gearmailtis: Herzogtum Sagsainn-Coburg-Saalfeld). B’ e Saalfeld/Saale a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha gu ruige 1776 agus an uair sin Coburg gu ruige 1825.
Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1681 nuair a sgaradh oighreachdan an Diùc Ernst der Fromme[1] (Gàidhlig: Ernst Cràbhach) eadar a chuid mhic, an dèidh a bhàis.[2] B' ann làidir an aghaidh prìomh-ghineadas a bh' ann an seann diùc agus cha robh stèidh laghail ann a thaobh phrionnsabal còirichean a' phrìomh-ghineadais anns A' Ghearmailt.[3]
Fhuair a mhac na b' òige, Johann Ernst, na sgìrean mu timcheall Shaalfeld agus Coburg, a bharrachd air pìosan beaga de fhearainn air feadh Shagsainn. Bha roinneadh nan oighreachdan sin gu math connspaideach agus mhair an deasbad mun chùis iomadh bliadhna. Mu dheireadh thall, cha d' fhuair Johann Ernst làn-chumhachd air Saalfeld, Grafenthal agus Probstzella. Bha Sagsainn-Coburg-Saalfeld na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1806 gu ruige 1813,[4] nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh'Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[5] Chuir Sagsainn-Coburg-Saalfeld agus na diùcachdan eile ann an Sagsainn 2000 saighdearan uile gu lèir do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.[6] Chuireadh Sagsainn-Coburg-Saalfeld agus Rìoghachd Bayern ainmean gu Còrdadh-crìche ann an 1811: fhuair Sagsainn-Coburg-Saalfeld Fürth am Berg, Hof an der Steinach, Niederfüllbach agus Triebsdorf ach thug iad Gleußen, Buch am Forst agus Herreth gu Bayern.[7] Chaidh siostam na Diùcachd atharrachadh mòran ann an 1825[8] an dèidh bàs an Diùc Friedrich IV à Sagsainn-Gotha-Altenburg.[9] Nochd stàit ùr an àite Sagsainn-Coburg-Saalfeld air an robh Sagsainn-Coburg Gotha.
- ↑ Ernst der Fromme, Herzog zu Sachsen-Gotha und Altenburg: ein Beitrag zur Geschichte des 17. Jahrhunderts, Teil 1
- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Spectator Archive
- ↑ Napoleon
- ↑ Alain Pigeard, Dictionnaire de la Grande Armée, Tallandier, septembre 2002 (ISBN 2-84734-009-2), duilleag. 374
- ↑ Jean Tulard (dir.), Dictionnaire Napoléon, vol. A-H, Fayard, octobre 1999 (ISBN 2-213-60485-1), duilleag. 486
- ↑ German States
- ↑ Deutsche Schutzgebiete
- ↑ August Beck, Friedrich I., Herzog von Sachsen-Gotha und Altenburg. In: Allgemeine Deutsche Biographie (ADB). vol VIII. Duncker & Humblot, Leipzig 1878, duilleag. 2.