Ar-a-mach na Frainge
B' e Ar-a-mach na Frainge (1789–1799)[1] an tachartas poileataigeach na bu mhò agus na bu bhuadhmhoire a thachairt san Roinn Eòrpa san 18mh Linn agus san 19mh Linn. Mar thorradh an ar-a-maich, thug a' Bhùirdeasachd thairis air a' chumhachd eaconomach agus san Riaghaltas san Fhraing, an àite na Clèire agus na h-Iar-fhaitheachd. Thathar dhen bheachd gur e modal airson atharraidhean poileataigeach air feadh an t-saoghail a th' ann fad còrr is dà cheud bhliadhna. Thug na sgrìobh grunn sgrìobhadair ri linn an t-Soillseachaidh, mar Thomas Paine agus Voltaire buaidh mhòr air na daoine ron an ar-a-mach cuideachd.[2]
Aig deireadh an 18mh Linn bha Rìoghachd na Frainge, mar a’ mhòr-chuid dhe na dùthchannan air feadh na Roinne Eòrpa, fo bhuaidh Dheichdearachd air an robh An t-Seann Rèisim (Fraingis: L’Ancien Régime). Air sàilleabh sin, b’e co-chomann Sòisealta uabhasach roinnte a bh’ ann, far an robh cumhachd gun chrìoch aig an Rìgh, a bha dhen bheachd gur e toil an Tighearna a chuir e na àite agus ga chumadh na àite. B' e pribhileid agus cuid-seilbhe a bha aig cnap na cùise agus cha robh còirichean aig duine sam bith ach a' Chlèir agus na h-uachdarain. Chan fhaodadh dhan Rìgh droch shuidheachadh na dùthcha a cheartachadh an dèidh Cogadh nan Seachd Bhliadhna neo fiù 's piseach a thoirt air an eaconomaidh a bha ann an droch staing.[3]
Thoisich an t-Ar-a-mach ann an 1789 nuair a sheas cruinneachadh nàiseanta an aghaidh an Rìgh. Stèidheachadh Pàrlamaid agus ghairmeadh còirichean sìobhalta agus bhotaidh ach thoisich ar-a-mach sna sràidean agus thug na daoine bochd ionnsaigh air a' Bastille, seann phrìosan ann am Paris.
Mhair sin gu ruige 1792 nuair a dh'fhàs cùisean na bu mhiosa. Bha an t-eaconomaidh air fàs na bu laige agus na bu chugallaiche. Ghairmeadh poblachd a chaidh an teaghlach rìoghail a chuir an greim. Bha na daoine bochd air cuidhteas faighinn daoine beairteach agus sagartan. Fiù 's chuireadh an Rìgh gu bàs tro Dhìcheannachadh. Ann an 1795 thug an Directoire,[4] comataidh riaghalaidh na dùthcha, thairis air an riaghaltas ach bha an t-suidheachadh fhathast gu math cugallach agus mu dheireadh thall chuireadh Napoleon Bonaparte crìoch air an ar-a-mach ann an 1799 nuair a thug e thairis air an Riaghaltas.
Daoine ainmeil
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Calatrava Escobar, Juan: Estudios sobre la Revolución Francesa y el final del Antiguo Régimen. Tres Cantos: Akal, 1980. ISBN 978-84-7339-504-5
- ↑ Révolution Française
- ↑ History Today
- ↑ Lyons, Martin, France under the Directory, Cambridge, University Press, 1975.