An-diugh, 's e stàit gun monarc a tha ann am poblachd.

Buaidh na Poblachd ann am Paris, le Jules Dalou.

Sgrìobh Plato Am Poblachd (Greugais: Πολιτεία) mu còir, lagh agus riaghaltas.[1] Chleachd Cicero res publica ("cùisean poblach") airson na Greugais Πολιτεία. Bha an Ròimh na poblachd mus do thug Seanadh na Ròimhe cumhachdan sònraichte do dh'Augustus.

Chanadh ris cathair-stàitean mar Firenze agus Pisa poblachdan anns an Ath-bheòthachadh. An dèidh don Ar-a-mach na Frainge chaidh an Fhraing na poblachd.

Ann an Eòrpa an-diugh, tha mar eisimpleir Poblachd na h-Èireann, Innis Tile, An Fhraing, A' Ghearmailt agus An Eadailt nam poblachdan agus An Rìoghachd Aonaichte, An Spàinnt, A' Bheilg, Lucsamburg, Nirribhidh agus Na Tìrean Ìsle nam monarcachdan.

Poblachdaich Ainmeil deasaich

Poblachdan deasaich

Iomraidhean deasaich

  1. Brown, Eric: “Plato's Ethics and Politics in The Republic”. Stanford Encyclopaedia of Philosophy. Air a thogail 20mh dhen t-Samhain 2016.