Róbert Marshall
'S e iasgair, neach-aithris agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann an Róbert Marshall.[1] Rugadh e air 31 an Cèitean 1971 ann an Reykjavík[2] ach thogadh e ann am Vestmannaeyjar. B' ann à Dùn Èideann an Alba a bha athair. Fhuair e a chuid foghlaim sgoile aig Framhaldsskólinn í Vestmanneyjum agus thug e ceum ann an lagh agus Saidheans Poilitigeach bho Oilthigh Innis Tìle. Tha e air a bhith pòsta dà thuras: aig a' chomhairliche Sigrún Elsa Smáradóttir ach dhealaich e bhuaithe. Tha e pòsta a-nis aig a' bhancair Brynhildur Ólafsdóttir.[3] Tha ceathar chloinne aige. Mar neach-naidheachd, bha e an sàs ann an sreath fhoillsichean mar Vikublaðið, Mannlíf agus Tíminn bho 1994 gu ruige 2005, a bharrachd air a bhith na neach-athris air sianal telebhisein air a bheil Stöð 2 aig an aon àm. Dh' fhàg e an dreuchd aige aig Stöð 2 air sgàth 's gu robh connspaid ann a thaobh mhearachdan a rinn a t-sianail mun chogadh ann an Ioràc. Chaidh a thaghadh mar Chathraiche air an aonadh-ciùird Blaðamannafélags Íslands ann an 2003 agus chaidh a thaghadh a-rithist ann an 2005.[4] Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 2009 airson Samfylkingin (Gàidhlig: An Caidreachas), ach dh'fhàg e pàrtaidh seo agus ghabh e ri Björt framtíð (Gàidhlig: Teachd Soilleir), pàrtaidh ùr a stèidhich e fhèin còmhla ri Guðmundur Steingrímsson agus cuid a dhaoine à Besti flokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh as Fhèarr).[5] Cha do ghabh e pàirt anns na taghaidhean nàiseanta ann an 2016[6] agus tha e air a bhith ag obair ann an turasachd airson na beagan bhliadhnaichean a dh' fhalbh on uair sin.
Róbert Marshall | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
25 dhen Ghiblean 2009 - 27 dhen Ghiblean 2013 Sgìre: Deas Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2009
27 dhen Ghiblean 2013 - 29 dhen Dàmhair 2016 Sgìre: Reykjavík a Deas Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2013 | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Reykjavík, 31 dhen Chèitean 1971 | ||||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||||
Foghlam | |||||||
Cànain | Innis Tìlis | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus neach-naidheachd | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Samfylkingin |