Besti flokkurinn
Besti flokkurinn | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 16 an Dàmhair 2009 |
Luchd-stèidheachaidh | Jón Gnarr |
Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Ain-Riaghailteachd, Sòisealachd Libeirtèireach, Deamocrasaidh sòisealta, An t-Aonadh Eòrpach |
Oifisean | Laugavegur 40a Reykjavík |
Cathraiche | Jón Gnarr |
Suidheachain | 0 |
Riaghaltas | Chan eil |
B' e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bha a' gabhail ri poilitigs na làimhe chlì 's a bh' ann am Besti flokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh as Fhèarr).[1] Chaidh a stèidheachadh ann an Reykjavík air 16 an Dàmhair 2009 leis an actair agus cleasaire Jón Gnarr,[2] mar aoir an dèidh staing an eaconomaidh ann an 2008. 'S e pàrtaidh a bha gu làidir airson an Aonaidh Eòrpaich. Thàinig Besti flokkurinn gu crìoch ann an 2012 nuair a dh'aontaich iad le Guðmundur Steingrímsson, a dh' fhàg Framsóknarflokkurinn agus Róbert Marshall, a dh'fhàg Samfylkingin. Bha am pàrtaidh ùr, air a bheil Björt framtíð, gu math soirbheachail anns na taghaidhean coitcheann nàiseanta ann an 2013 agus 2016.
Prògram a' Phàirtidh
deasaich- Cuideachadh do dhachaighean san dùthaich
- Leasachadh chumhachan an fheadhainn a dh ’fhaodadh a bhith nas lugha
- Stad air coirbeachd
- Stèidheachadh chothromachadh
- Meudachadh follaiseachd
- Deamocrasaidh gnìomhach
- Cuir dheth fiachan
- Busaichean an-asgaidh airson oileanaich agus daoine bochda
- Seirbheisean fiaclaireachd an-asgaidh do chloinnn agus daoine bochda
- Cothroman snàimh an-asgaidh agus tubhailtean an-asgaidh don h-uile duine
- Co-ionannachd ghnè
- Èisteachd a barrachd ri boireannaich is seann daoine
Taghaidhean Ionadail
deasaichB' ann ann an 2010 's a bha Besti flokkurinn na bu shoirbheachaile a thaobh bhòtaichean anns na taghaidhean ionadail[3]
Bliadhna | Bhòtaichean | % | Comhairlichean |
---|---|---|---|
2010 | 20,666 | 34.7 | 6 |