Pàislig
gun bhratach Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Pàislig is located in Alba
Pàislig
Pàislig (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle Siorrachd Rinn Friù
Siorrachd Siorrachd Rinn Friù
Co-chomharran 55° 50′ 48″ Tuath
4° 25′ 25″ Iar
Comharradh-clèithe NS4762
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 29.8 km²
Àireamh-shluaigh 76,834 (2011[1])
Dlùths 2,578.32/km²
Àireamh fòn 0141 agus 01505
Duilleag oifigeil http://www.paisley.org.uk/

Tha Pàislig[2] (Beurla: Paisley) na bhaile ann an Siorrachd Rinn Friù, air Galldachd an iar na h-Alba. A dh'aindheoin an ainm, tha Port-adhair Eadar-nàiseanta Ghlaschu ann am Pàislig. Tha am baile anns an àite-cathaireach Ghlaschu, le meadhan a' bhaile Ghlaschu 6.9 mìltean (11.1 km) air falbh gu sear. Tha Pàislig na phrìomh-bhaile dha Siorrachd Rinn Friù.

Bhathar a' smaoineachadh aig aon àm gun robh làrach an dùin Ròmanach, Vanduara (no Vandogara), a bh' ann am Pàislig. Tha seo air sgàth 's gu bheil an t-ainm Breatannach air a' bhaile (Gwen-dwr, "Uisge geal") coltach ris an ainm Ròmanach air a shon. Thathar a' creidsinn gun robh ainm a' bhaile agus an abhainn (Abhainn a' Chairt Bhàin) an aon rud aig an àm seo. Tha an t-ainm a' tighinn on Greugais basilika.[3]

Anns an dàrna linn deug chaidh eaglais a stèidhichte agus dh'fhàs baile ma thimcheall. Am broinn linn, chaidh staid Abaid a choileanadh leis an eaglais. Dh'fhàs am baile ainmeil tron ochdamh is naoidheamh linntean deug air sgàth gnìomhachas clò, gu h-àraidh cotan leis a' phàtran shònraichte, Phàtran Phàislig.

Ged a tha e nas lugha na Glaschu, Dùn Èideann, Obar Dheathain no Dùn Deagh, 's e Pàislig an còigeamh baile as motha ann an Alba, anns a bheil tuilleadh daoine a' fuireach na Inbhir Nis no Sruighlea aig a bheil staid chathair-bhaile.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann am Pàislig sa bhliadhna 2013 agus a-rithist ann an 2023.[4]

Daoine ainmeil

deasaich
 
Sanas aig Mòd Phàislig 2013

Iomraidhean

deasaich
  1. Brinkhoff, Thomas: “Scotland (United Kingdom) - Council Areas & Localities - Population statistics in maps and charts”. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2016.
  2. Paisley/Pàislig”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 12mh dhen Ghearran 2017.
  3. James, Alan: “Brittonic Language in the Old North”. Scottish Place-Name Society. Air a thogail 23mh dhen Dùbhlachd 2018 (pdf).
  4. Am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig air tòiseachadh”, Naidheachdan a' BhBC. 13mh dhen Dàmhair 2023. Air a thogail 15mh dhen Dàmhair 2023.