B' e bàrd à Alba a bha ann an Robert Tannahill (3 an t-Ògmhios 177417 an Cèitean 1810). Rugadh, thogadh agus chaochail e ann am Pàislig.[1]

Robert Tannahill
Beatha
Breith Pàislig, 3 dhen Ògmhios 1774
Dùthaich  Alba
Bàs Pàislig, 17 dhen Chèitean 1810
Nàdar a’ bhàis fèin-mhurt (bàthadh)
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus bàrd

Bha e ainmeil airson a' bhàrdachd aige anns a' Bheurla Ghallda, mar eisimpleir an duan The Braes o' Balquhidder.[2]

Rinn e preantasachd mar bhreabadair is dh'obair e ann am Bolton is Pàislig. Bha e na stèidheadair is rùnaire a' Chomann Burns ann am Pàislig is dh'fhoillsich e a chiad leabhar bàrdachd, The Sodger's Return ann an 1805. Dh'fhulaing e le trom-inntinn is bhàth e fhèin ann an 1810. Chaidh a thìodhlacadh ann an uaigh neo-chomharraichte san Cladh Castlehead ach chaidh carrach-chuimhne a thogail dha ann an 1866 is ìomhaigh-ealain aig Abaid Phàislig ann an 1883.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. The Robert Tannahill Federation”. Robert Tannahill Federation. Air a thogail 20mh dhen t-Sultain 2016.
  2. (1859): One hundred songs of Scotland. An t-Urras Hathi. Air a thogail 20mh dhen t-Sultain 2016. 
  3. The Weaver Poet”. Scots Language Centre / Centre for the Scots Leid. Air a thogail 29mh dhen Iuchar 2018.