Oighreachd Asaint a Tuath
Tha Oighreachd Asaint a Tuath san àirde a tuath air Ulapul anns an sgìreachd Asaint. 'S e sin a chiad oighreachd a chaidh a cheannachd le coimhearsnachd chroitearachd air a' mhargaidh fosgailte.
Tha an oighreachd cho mòr ri 21.132 acair agus chan eil ach 50 acair ann nach eil air an cleachdadh airson croitearachd. Tha 172 croit ann agus tha timcheall air 400 duine a' fuireach an seo, le dìreach ¼ dhiubh nach robh a' dèanamh a' bheòshlainte à croitearachd. Tha 13 bailtean croitearachd ann: Torr Breac, Achadh Mhealbhaich, Clach Toll, An Clais Mòr, Baile a' Chladaich, Ardnacarin, An Cùl-cinn, Raffin, An Stòr, Clais an Easaidh, Cùl-Cinn an Droma Bhig, An Druim Beag agus An Nead. Chaidh iad uile a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean.
Eachdraidh na h-oighreachd
deasaichChaidh an oighreachd a stèidheachadh fon ainm "Oighreachd Loch an Inbhir a Tuath" (North Lochinver Estate) ann an 1989.
Bho thùs bha i na pàirt den oighreachd Asaint a bha aig Edmund Vestey, neach-malairt agus aon de na daoine a bu bheartaiche ann am Breatainn. Ann an 1989 reic an neach-seilbhe cuid den talamh anns an iar-thuath Asaint air sgàth' s gun robh e ag iarraidh roinn eile a cheannachd a bha na bu fhreagarraiche do stalcaireachd fèidh. Chuir Vestey ainm ùr North Lochinver Estate air an oighreachd seo agus sgaraich e i ann an trì pìosan airson reic. Gu fortanach chaidh a ceannachd uile gu lèir leis an Scandinavian Property Services Limited airson £1,080,000.
Ach trì bliadhna an dèidh sin bha a' chompanaidh air a briseadh. San Ògmhios bha e follaiseach gun robh an oighreachd air an sgarachadh ann an seachd pìosan beaga airson reic a-rithist. Bha briseadh na h-oighreachd a' chur dragh air na croitearan air sgàth 's gum bhiodh cuid de na crìochan ùra a' ruith tro na coitcheannan agus dh'fheumadh iad dèiligeadh le iomadach uachdaran. A bharrachd air sin bha an t-eagal orra nach biodh an oighreachd air a stiùireadh gu proifeiseanta agus gum biodh tuairmeas fhearainn ann.
Ceannachd na h-oighreachd
deasaichSan 6 an t-Ògmhios1992 bha coinneamh aig Aonadh nan Croitearan à Asaint agus thàinig iad chun a' cho-dhùnaidh an oighreachd leis na còraichean a cheannachd leotha fhèin. Bha gu h-àraid Allan Macrae, Bill Ritchie agus John Mackenzie an sàs ann gus oighreachd Asaint a ghabhail os làimh leis na croitearan. Chaidh Urras nan Croitearan Asaint (Assynt Crofters' Trust limited), mar chompanaidh earranta, a stèidheachadh. B' iad na h-amasan den urras: an oighreachd a cheannach agus a stiùireadh leotha fhèin, an eaconomaidh a leasachadh le pròiseactan mar togail taighean, craobhan fhàs agus àitichean-obrach ùra a chruthachadh. Le sin cha bhiodh adhbhar ann gum biodh na daoine òga a' fàgail na sgìre. Bhathar a' faighneachd gach croitear anns an sgìre airson £1,000 a chur ris, ach chleachd an t-urras na meadhanan cuideachd airson togail-airgid. Bha sin gu math soirbheachail, thog iad nas motha na £130,000 bho dhaoine phrìobhaideach às a' Bhreatainn, à dùthchannan thall thairis agus bho bhuidhnean mar Runrig no Am Pàipear Beag. Fhuair iad grantaichean m. e. bho Caithness and Sutherland Enterprise agus bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus £90.000 air iasad bho Highland Prospect Limited (companaidh sheilbheachd).
An toiseach tairg an t-urras £235,000 an uair sin £245,000, ach bha an companaidh Suainis ag iarraidh barrachd na sin. Mar sin bha na croitearan air bagairt am fearann a cheannachd a rèir Achd Croitearachd gus luach an fhearainn a mhilleadh. A rèir còir cheannachd cha b' fhiach am fearann ach £40.000.
Mu deireadh thall san 4 dhen Dùbhlachd 1992 thairg an t-urras £300,000 agus an dèidh ceithir làithean fhuair iad an oighreachd. Bhon 1 an Gearran 1993 a-mach tha an Urras nan Croitearan Asaint na sealbhadair den oighreachd seo. Chuir iad ainm ùr oirre: "Oighreachd Asaint a Tuath"(North Assynt Estate).
Pròiseactan
deasaichRinn iad sgrùdadh airson leasachaidhean eaconomach, agus bha am plana a' moladh stèisean-cumhachd dealain-uisge a thogail ann an Loch Poll airson gu bhith fichead mile not (£20,000) fhaighinn gach bliadhna. Ach chuir Dualchas Nàdair na h-Alba bacadh air a’ phròiseact air sgàth 's gun robh eòin dìonta a' fuireach ro fhaisg air bruach an locha. Mu dheireadh thall, ann an 2000 chuir iad an Assynt Hydro Ltd air bhonn a thog stèisean-cumhachd dealain-uisge air bruach Abhainn Oldany.
Tha nas motha na 200 loch le bradan anns an oighreachd a tha tarraingeach do na h-iasgairean slaite. Reicidh an t-urras cead iasgachd a tha a' cosg £5 airson latha, agus tha 10 bàtaichean air mhàl ann don luchd-turais. Còmhla ris an North West Sutherland Fisheries Trust rinn iad pròiseact rannsachaidh mu na h-àireamhan èisg agus chuir iad frìth-èisg ùr anns na lochan far ann robh bradain gann.
'S e gnìomhachas cudromach don urras a th' ann an sealg. Nì iad pròiseactan sònraichte, m.e. “sealg fad trì làithean” airson luchd-turais a tharraing a dh’Asaint sa gheamhradh, mar sin chaidh obair pàirt-ùine a chruthachadh do shealgair. Thog iad seòmar-feòla airson sitheann fèidh a reòthadh cuideachd.
Tha iad an sàs ann an coilltearachd cuideachd, chuir iad craobhan air 800 heactair a chruthaich cosnaidhean airson triùir.
Rinn iad co-labhairt ann an 2003, far an robh iad ag obair còmhla ri coimhearsnachdan eile a cheannaich am fearann aca.[1]
Ged a tha iad gu math soirbheachail leis na pròiseactan aca, thuirt aon den luchd-stiùiridh ann an 2004:
... accessing capital monies to achieve the buyout was easier than the year-by-year financial management of the trust and its estate in order to achieve viability.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Reid, D. (2003). The Next Generation - Report of the 'Fling in the Fank' Conference. Air a thadhail 18 an Lùnasdal 2012
- ↑ MCM Associates. (2004) Scoping study for the assessment of the asset base of the community business sector in the Highlands and Islands. Appendix B Case Study – Assynt Crofters Trust td 39 ff. Air a thadhail 20 an Lùnasdal 2012
Tùsan
deasaich- MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate. Stornoway:Acair. ISBN 0861522214
- MacKenzie, J. (1999). Business Planning: The Assynt Experience. An ann: Graham Boyd, David Reid (deas.), Social Land Ownership, Eight Case Studies from the Highlands and Islands of Scotland. Inbhir Nis: Not-For-Profit Landowners Project Group, Scottish Community Education Council
Faic cuideachd
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Assynt Crofters' Trust (Beurla)
- Lochinver.bordernet Eachdraidh Urras Croitearan Asaint (Beurla)
- Asainte air a bhith 20 bliadhna ann an làmhan nan daoine BBC Naidheachdan (Gàidhlig)
- 20 bliadhna bho Iomairt Asainte Bhideo aig BBC Naidheachdan (Gàidhlig)