An Stòr
Tha An Stòr [1] no Stor [2] (Beurla: Stoer) na bhaile croitearachd ann an Asaint, Cataibh. Thàinig ainm a' bhaile às an t-Seann Lochlannais agus tha e a’ ciallachadh "mòr".
Tha an Stòr suidhichte faisg air Bàigh an Stòir (Bay of Stoer) dìreach tuath air Clach Toll agus deas air Baile a' Chladaich. Tha an rathad singilte B869 a' leantainn gu Loch an Inbhir a tha mu shia mìltean air falbh san àirde an earra-dheas. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 12′ 20.09″ Tuath agus 5° 20′ 29.29″ Iar.
Chaidh an Stòr a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. [3] Tha dà togalach cudromach ann an Stòr. Tha mansa ann ris an canar Stoer House a chaidh a thogail ann an 1829. Anns an dearbh bliadhna thogadh eaglais cuideachd, tha tobhta na h-eaglaise ri faicinn faisg air a' mhansa. Canar gun robh an eaglais ro beag airson a h-uile duine a bha a' fuireach an seo aig an àm ud agus gun robh an aifreann a' toirt seachad taobh a-muigh na h-eaglaise nam biodh an t-sìde freagarrach. Thèid an cladh a chleachdadh gus an latha an-diugh.
Bha bùth agus oifis a' phuist ann ach chaidh an dùnadh aig àm nach eil e cho fada bhuaidhe. Faisg air a' bhaile tha an Rhu Stoer Village Hall, ionad airson tachartasan sòisealta. Tha am bun-sgoil taobh a-muigh a' bhaile cuideachd, mu dà mhìle san àird a tuath.
Dìreach deas air a' bhaile tha Bàigh an Stòir ann le tràigh ghainmheil agus nas fhaide deas tha dùn Cruithneach ann air a bheil an t-ainm Clachtoll Broch.
'S e aon de na bailtean dhen Oighreachd Asaint a Tuath a th' anns an Stòr.
Abairtean
deasaichTha abairt anns an àite ag ràdh: " 'S fhada Dùn Éideann bhon fhear a tha ag éirigh san Stòr".[4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 107, Pàrlamaid na h-Alba (a' tarraing air 14mh an Lùnasdal 2011)
- ↑ Stòr-dàta SMO
- ↑ MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate, td 35 Stornoway:Acair. ISBN 0861522214
- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 107, Pàrlamaid na h-Alba
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NC037289
- Undiscoveredscotland (Beurla)
- Gazetteer for Scotland (Beurla)
- Lochinver Scotland (Beurla)