Is e modh àiteachais a tha ann an croitearachd. Is e gnìomh croitear a tha ann an croitearachd. Is croitear fear, neo té a sheilbheas gabhaltas croite. Is e a tha ann an croit mion-tuathanas a thathas seilbhichte fo gabhaltas croitearachd, nòs gabhaltais a tha dìonta anns an lagh. Is e am bun-phrionnsabal den modh ghabhaltais seo gu bheil an gabhaltas fhéin ann an seilbh an tí a phàigheas an màl. Faodaidh don ghabhaltach (am fear a phàigheas am màl) a thoir neo reic a ghabhaltas ri treas tì mar a thogras e. Aig a cheann thall tha coireachan an gabhaltach anns an suidheachadh seo a' fàgail "tighearna" le oighreachd a tha fo an nòs gabhaltas seo as aonais uidhe anns an fhearainn air barrachd am màl airson cleachdadh an fhearainn. Tha seo gu tur eu-coltach ri gabhaltasan airson tuathanasaibh àbhaisteach, nach ruith ach rè cumhnant-ghabhaltais, mar is tric de fichead bliadhna. Aig deireadh an teirm faodaidh don oighreachd a dh'aontaich gabhaltas eile neo faodaidh do tighearna an oighreachd a ghabhail an tuathanas thairis a fhèin, ma bhitheas na gabhaltasan gu lèir air an oighreachd a tighinn gu ceann còmhla bithidh cumhachd aig an tighearna a fhuadaich na tuathanaich far an oighreachd agus toirt am fearann gu lèir na làimh fhèin, mar a thachair 's an Lodaidh air oighreachd Hopetoun, faisg air Loch Iubhar anns a' bhliadhna 2008. Tha gabhaltas croitearachd, a' cuir bacadh air an leithid seo de fuadaich.

Croit ann an Àird Eilbh Uachdarach faisg air Loch Aillse

Tùsan Gabhaltas Croitearachd

deasaich

Ged a bhios mòran daoine a' cumail a-mach gu bheil gabhaltas croitearachd sònraichte ri na sgìrean croitearachd a-mhàin, chan eil sin buileach fìor. Is e a tha ann an gabhaltas croitearachd ach nòs gabhaltais ro-aithnichte an lagh na h-Alba fo an t-ainm "kindly tenancy" (gabhaltas coibhneil), roimhe meadhan an naoidheamh linn deug, bha am modh gabhaltas seo measaichte a bhith seann fhasanta agus cha do mhair e ach an Siorrachd Dhùn Phris. Nuair a dh'aontaich an Riaghaltas a sheasamh còirichean nan Croitearan an lùib sgrùdadh a' Choimisean Napier ann an 1884 agus stèidheachadh Achd na Croitearachd (1886), lorg iad samhail airson "gabhaltas croitearachd" anns an gabhaltas coibhneil. Leis an inneal seo, sheachnaich an riaghaltas an rèitich a chaidh air dèanamh ann an Èirinn 's an comh-aimsir, far an d'fhuair na mion-tuathanaich Èireannach ceart am fearann a bha iad ag àiteachadh a cheannachd.

Tha gach croit clàraichte agus tha am màl a phàigheas an croitear air a rèitich bho àm gu àm le Cùirt an Fhearainn. Chan urrainn do chroit a bhith nas motha na 30 acairean 'san fharsaingeachd (is chan eil e gu diofair dé am màl a th' oirre), air neo chan urrainn dhan mhàl a bhith nas àirde na £30 gach bliadhna (is chan eil e gu diofair dé cho mór 's a tha e).

Na Sgìrean agus Siorrachdan Croitearachd

deasaich

Tha "sgìrean croitearachd" sgapte air feadh sia siorrachdan, ris an chanar na Siorrachdan Croitearachd. Is iad: Siorramachd Earra-Ghàidheal, Siorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Rois, Cataibh, Gallaibh, Sealltainn. Ach airson Sealltainn tha na siorramachdan seo gu lèir ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Chan eil ach dà shiorrachd 's a' Ghaidhealtachd nach eil 's na siorrachdan croitearachd: Peairt agus Obar Dheathain, dà shiorrachd air iomall ear-dheas na Gaidhealtachd, a bha a' gabhail a-steach roinn Gaidhealtachd agus roinn Galltachd.

Àiteachas Croitearachd

deasaich

Tha buaidh aig nàdur na tìre agus meud nan croitean air àiteachas croitearachd. B'e àiteachas measgaichte a bha ann o thus, ach 'san latha an diugh is glè bheag de pòr a chuireas croitearan ach siud 's an seo.

Faic cuideachd

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich