Tha Cùl-Cinn an Droma Bhig (Beurla: Culkein Drumbeg)[1] na bhaile croitearachd ann an Asaint, Cataibh. Tha e suidhichte mu mhìle san àirde an iar-thuath an Droma Bhig. 'S e seo na co-chomharran aige: 58° 15′ 3.24″ Tuath agus 5° 13′ 1.92″ Iar.

Seann taigh ann an Cùl-Cinn an Droma Bhig, sealladh air Oldany Island
An cidhe aig Cùl-Cinn an Droma Bhig

Chaidh Cùl-Cinn an Droma Bhig a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. [2] 'S e aon de na bailtean dhen Oighreachd Asaint a Tuath a th' ann Cùl-Cinn an Droma Bhig. An-diugh tha timcheall air fichead daoine a' fuireach an seo. Tha cidhe beag aig a' bhaile a chaidh a thogail aig deireadh na 1800an. Thèid a chleachdadh le bàtaichean-iasgaich is bàtaichean beaga eile an-diugh. Tha tuathanas-èisg ann an Cùl-Cinn an Droma Bhig cuideachd.

Bha pàirt den fhilm ghoirid Zip 'n Zoo air a thogail ann an Cùl-Cinn an Droma Bhig. Chaidh am film a stiùireadh le Bruce Robertson ann an 2008 agus bha cuid de mhuinntir an àite a' cluich ann.

Iomraidhean

deasaich
  1. Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 35, Pàrlamaid na h-Alba (a' tarraing air 11mh an Lùnasdal 2011)
  2. MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate, td 35 Stornoway:Acair. ISBN 0861522214

Ceanglaichean a-mach

deasaich