'S e buidheann-charthannachd a th' ann an The Assynt Foundation. Tha i suidhichte ann an Asaint.

Glencanisp Lodge
Sealladh air an oighreachd bho Glencanisp Lodge le Sula Bheinn air a chùlaibh

Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh gus am fearann a leasachadh airson math na coimhearsnachd is na daoine ionadail. Anns an Iuchar 2005 cheannaich iad na h-oighreachdan Glencanisp is Drumrunie a rèir Achd Ath-leasachaidh Fearainn (Alba) 2003. Tha na h-oighreachdan cho mòr ri 44,500 acair uile gu lèir agus a' gabhail a-steach na beanntan Sula Bheinn, Canasp, Cul Mor and Cul Beag. Chaidh iad a reic airson £2,900,000. [1]

Tha an Assynt Foundation a' ruith "Glencanisp Lodge" a tha suidhichte air Loch Druim Suardalain, gus cosnaidhean a thoirt do mhuinntir an àite. 'S e seann taigh-seilg a th' ann a chaidh a thogail aig àm Bhictorianach.

An dèidh Oighreachd Asaint a Tuath 's e sin an dàrna buidheann ann an Asaint a cheannaich am fearann aca.

Iomraidhean

deasaich
  1. Assynt group buys estates in deal". BBC News. 3.6. 2005 Air a tarraing 2.8.2014

Ceanglaichean a-mach

deasaich