Clais an Easaidh
Clais an Easaidh | |
Clais an Easaidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Cataibh |
Parraist | Asaint |
Co-chomharran | 58° 13′ 20.7″ T 5° 18′ 51.6″ I |
Comharradh-clèithe | NC054307 |
Feartan fiosaigeach | |
Còd-puist | IV27 |
'S e baile croitearachd ann an Asaint, Cataibh a tha ann an Clais an Easaidh (Beurla: Clashnessie).[1] Tha am baile suidhichte faisg air tràigh ghainmheil Linne Chlais an Easaidh air an rathad B869 mu seachd mìle tuath air Loch an Inbhir.
Thàinig ainm a' bhaile bhon eas a tha suidhichte aig ceann a' ghlinne far a bheil a' chuid as motha de na taighean.
Chaidh Clais an Easaidh a stèidheachadh aig Àm nam Fuadaichean. Thuirt Uilleam MacCoinnich à Clais an Easaidh don Coimisean Napier:
Over fifty townships in this parish were made desolate, and the tenants were sent hither and thither [...] and when they found a resting place at all in there native land, it was on the poorest scraps, rocks and bogs,[...] subdiving their lots, and intensifiying their poverty. (a rèir MacAskill[2])
Timcheall air a' bhaile chithear mòran tobhtaichean a dh’fhàg na croitearan a bha air fuadach chun na h-oirthir às an dèidh. Bha taigh-òsta, bùth is oifis a' phuist ann, agus tha tobhta a' mhuilinn ri fhaicinn fhathast air bruach na h-aibhne. Lorgar mainearach taigh nam bochd faisg air an rathad.
Ged a bha dìreach dusan daoine a’ fuireach an seo anns na 1960an, tha 19 taighean ann an-diugh, tha deich dhiubh nan taighean dubha. 'S e aon de na bailtean dhen Oighreachd Asaint a Tuath a th' ann an Clais an Easaidh.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Iain Mac an Tàilleir, "Ainmean-Àite", duilleag 30, Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ MacAskill, John (1999) We have won the land: the story of the purchase by the Assynt Crofters' Trust of the North Lochinver Estate, td 37 Stornoway:Acair. ISBN 0861522214
Ceanglaichean a-mach
deasaich- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NC 054 307
- Gazetteer for Scotland
- The Scottish Villages.co.uk