Ólafur Jóhannesson
B' e neach-lagha, neach-teagaisg oilthigh agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Ólafur Jóhannesson.[1] Rugadh e air 1 am Màrt 1913 faisg air Sauðárkrókur. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn á Akureyri agus Oilthigh Innis Tìle. Chaidh e dhan oilthigh thall anns An t-Suain agus san Danmhairg cuideachd. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1959. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) dà thuras: eadar 1971 agus 1974 agus an uair sin bho 1978 gu ruige 1979 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach). Fhad 's a bha esan os cionn an riaghaltais chuir Innis Tìle ruaig air An Rìoghachd Aonaichte ann an Þorskastríðin[2] (Gàidhlig: Cogadh an Troisg) agus chaidh Ásatrúarfélagið (Gàidhlig: Pàganachd Lochlannach) aithneachadh mar chreideamh. Phòs e aig Dóra Guðrún Magdalena Ásta Guðbjartsdóttir ann an 1951 agus fhuair iad triùir chloinne còmhla[3] Chaochail e ann an Reykjavík air 20 an Cèitean 1984.
Caibineitean Jóhannesson
deasaichSeo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Jóhannesson os cionn an riaghaltais.[4]
1978 - 1979
deasaichEadar 1978 agus 1979 bhuinneadh iad uile gu Alþýðubandalagið, Alþýðuflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
- Ólafur Jóhannesson: Prìomhaire agus Ministear Staitistig
- Benedikt Sigurðsson Gröndal: Dùthchannan Cèin
- Hjörleifur Guttormsson: Gnìomhachas
- Kjartan Jóhannsson: Iasgach
- Magnús H. Magnússon: Cùisean Sòisealta, Slàinte agus Tèarainteachd Shòisealta
- Ragnar Arnalds: Foghlam agus Còmhdhail
- Svavar Gestsson: Malairt
- Steingrímur Hermannsson: Àiteachas, Ceartas agus Cùisean Eaglaiseil
- Tómas Árnason, Ionmhais
1971 - 1974
deasaichEadar 1971 agus 1974 b' ann à Alþýðubandalagið, Samtök frjálslyndra og vinstrimanna, Sjálfstæðisflokkurinn a bhuinneadh gach uile ball a' chaibineit.
- Ólafur Jóhannesson: Prìomhaire, Ceartas agus Cùisean Eaglaiseil
- Einar Ágústsson: Dùthchannan Cèin
- Halldór E. Sigurðsson: Ionmhais agus Àiteachas
- Hannibal Valdimarsson: (gu ruige 16.07.1973) Cùisean Sòisealta agus Còmhdhail
- Lúðvík Jósefsson: Iasgach agus Malairt
- Magnús Kjartansson: Slàinte is Gnìomhachas
- Magnús Torfi Ólafsson: Foghlam is Ministear Staitistig, agus (bho 06.05.1974) Cùisean Sòisealta agus Còmhdhail
- Björn Jónsson: (bho 16.07.1973 gu ruige 06.05.1974) Cùisean Sòisealta agus Còmhdhail
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichRo-theachdair: Jóhann Hafstein (1971) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Geir Hallgrímsson (1974) |
Ro-theachdair: Geir Hallgrímsson (1978) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Benedikt Sigurðsson Gröndal (1979) |