Rósa Björk Brynjólfsdóttir
'S e neach-poileataigs à Innis Tìle 's a th' ann an Rósa Björk Brynjólfsdóttir.[1] Rugadh i air 9 an Gearran 1975 ann an Hafnarfjörður. Tha ise na ball Vinstrihreyfingin - grænt framboð, an dara fòrsa poileataigeach as motha san Alþingi, agus a tha san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Sjálfstæðisflokkurinn agus Framsóknarflokkurinn. Fhuair i a cuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík, Oilthigh Stendhal san Fhraing agus Oilthigh Innis Tìle (Innis-Tìlis: Háskóli Íslands). Bha i na neach-aithris le Al Jazeera, TF1, BBC, CBC, NRK, France 24 Stöð 2 agus RÚV roimhe.[2] Chuir i seachad bliadhnaichean a' fuireach thall thairis ann am Paris agus Grenoble. Bha an duine aice - Kristján Guy Burgess - na iar-mhinistear fo Ossur Skarphéðinsson.[3]
Rósa Björk Brynjólfsdóttir | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
Sgìre: Iar-dheas
29 dhen Dàmhair 2016 - Sgìre: Iar-dheas Taghadh: Taghadh Pàrlamaideach Innise Tìle 2016
22 dhen Fhaoilleach 2018 - | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Hafnarfjörður, 9 dhen Ghearran 1975 | ||||||
Dùthaich |
![]() | ||||||
Teaghlach | |||||||
Cèile |
Kristján Guy Burgess (en) ![]() | ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam | Oilthigh Innis Tìle | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Vinstrihreyfingin - grænt framboð |