Melvin Calvin
B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann am Melvin Ellis Calvin (Saint Paul, Minnesota, 8 an Giblean 1911–Berkeley, Calafòrnia, 8 am Faoilleach 1997). Tha e ainmeil air sgàth 's do bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1961 airson na h-obrach aige air co-choslachadh carbon dà-ogsaid ann am plantaichean.[1]
Rugadh e ann am Minnesota agus dh'ionnsaich e ceimigeachd aig Michigan College of Science and Technology. Sgrìobh e an tràchdas aige aig Oilthigh Mhinnesota fo George Glockler. An dèidh sin, dh'obraich e comhla ri Michael Polanyi ann am Manchester air foto-cheimigeachd. Dh'imrich e do Oilthigh Chalafòrnia Berkeley ann an 1937 far an do mhair e gus do chaochail e.
Tha e nas ainmeil airson na h-obrach air carbon-14, a chleachd e na pròiseasan ceimigeach ann am foto-cho-chur a thuigsinn.[2]
Beatha phearsanta
deasaichB' e an seachdamh Iùdhach a choisinn an Duais Nobel ann an Ceimigeachd a-riamh a bh' ann.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “The Nobel Prize in Chemistry 1961”. Nobel Media AB. Air a thogail 4mh dhen Mhàrt 2018.
- ↑ Seaborg, Glenn T. ⁊ Benson, Andrew A. (1998): “Melvin Calvin”, Biographical Memoirs: V.75.. The National Academies Press. Air a thogail 4mh dhen Mhàrt 2018.
- ↑ “Jewish Biographies: Nobel Prize Laureates”. Jewish Virtual Library. Air a thogail 4mh dhen Mhàrt 2018.