Foto-cho-chur
'S e foto-cho-chur an dòigh leis am bi lusan agus fàs-bheairtean eile ag iompachadh lùths solais, mar as trice bhon ghrian, gu lùths ceimigeachd, agus a thasgadh an cruth moileciuilean gualuisge (mar eisimpleir, siùcaran).
Bithidh foto-cho-chur a' dèanamh nan gualuisgean tro cho-chur bho dà-ogsaid gualain agus uisge. Mar as trice, bithidh foto-cho-chur a' dèanamh ogsaidean cuideachd agus is ann a foto-cho-chur a tha uile an ogsaidean anns an àile a' tighinn, fhad' s a bhitheas e a' gabhail dà-ogsaid gualain aisde.