Glenn Theodore Seaborg
B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Glenn Theodore Seaborg (Suanais: Glenn Teodor Sjöberg, Ishpeming Michigan, 19 an Giblean 1912–Lafayette, Calafòrnia, 25 an Gearran 1999).
Bha e na oileanach aig UCLA agus Oilthigh Bherkeley, far an do sgrìobh e a theusais. Theagaisg e aig Berkeley, agus bha e an sàs anns a' Phròiseact Mhanhattan. Bha e na Sheannsalair Oilthigh Bherkeley eadar 1958 is 1961 agus chaidh e na cheannard Coimisean Lùtha Atamach ann an 1961 far a mhair e gu ruige 1971.
Còmhla ri Edwin McMillan, Joseph W. Kennedy agus Arthur Wahl rinn e plutonium-238 ann an 1940. Ann an 1944 rinn e ameireagium còmhla ri sgioba eile agus ro-innis e gum bu sreath coltach ri sreath nan lantanach a bha anns na h-eileamaidean an dèidh do dh'actinium, sreath nan actanach.[1]
Urraman
deasaichBhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1951,[2] còmhla ri Edwin Mattison McMillan. Seach an Duais Nobel, bhuannaich e am Bonn Nàiseanta an Saidheans ann an 1991 is chaidh seaborgium, eileamaid 106, ainmicheadh air.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Glenn Seaborg Dies After a Life Integral to History of 20th Century”. Laurence Berkeley National Laboratory.
- ↑ “The Nobel Prize in Chemistry 1951”. Nobel Media AB. Air a thogail 31mh dhen Iuchar 2017.
- ↑ “IUPAC Adopts Final Recommendations for Names of Transfermium Elements”, IUPAC. 30mh dhen Lùnasdal 1997. Air a thogail 30mh dhen Iuchar 2017.