Luis F. Leloir
B' e ceimigear às an Argantain a bha ann an Luis Federico Leloir (Paris 6 an t-Sultain 1906–Buenos Aires 3 an Dùbhlachd 1987). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1970.[1] A bharrachd air sin, 's e a' chiad fhear aig an robh Spàinntis a choisinn an duais seo a bh' ann.
Rugadh e ann am Paris ann an 1906 agus dh'imrich a theaghlach, a bha às an Argantain o thùs, gu an Argantain nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois. Dh'ionnsaich e leigheas aig Oilthigh Bhuenos Aires is an dèidh sin dh'obraich e fo Bernard Houssay a bhuannaich an Duais Nobel ann an Leigheas ann an 1947. Rannsaich e beirmearan ann an Cambridge còmhla ri Malcolm Dixon agus rannsaich e co-bheirmearan anns na Stàitean Aonaichte eadar 1943 is 1945 an dèidh don Riaghaltas na Argantaine Houssay a chur à dreuchd. Thill e gu an Argantain airson institiud ùr agus prìobhaideach a stiùireadh, is e air stèidheachadh le taic bho Houssay. Rannsaich e bith-cheimigeachd siùcairean an siud.[2]
An t-Institiud
deasaichTha an t-Institiud Luis Leloir airson rannsachaidh ann an saidheansan beatha a stiùirich e an dèidh 1947 fhathast ann am Buenos Aires.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “The Nobel Prize in Chemistry 1970”. Nobel Media AB. Air a thogail 3s dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ Ochoa, Severo (1990): “Luis Federico Leloir, 6 September 1906 - 3 December 1987,” ann an: An Comann Rìoghail (Foills.): Biogr. Mems Fell. R. Soc, leabhar 35. Air a thogail 3s dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ “About Us”. Leloir Institute Foundation. Air a thogail 3s dhen Dùbhlachd 2019.