Kyivska Oblast
Kyivska Oblast Ки́ївська о́бласть
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Ucràin | ||||
Prìomh-bhaile | Kyiv | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 28,131 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,788,530 (2021) | ||||
Dlùths | 63.58/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e tè dhe na 24 roinnean anns an An Ucràin a th'ann an Kyivska Oblast (Ucràinis: Ки́ївська о́бласть, ainm neo-fhoirmeil: Kyivshchyna). 'S e Kyiv a tha a' riaghladh na Kyivska Oblast, ged nach eil Kyiv na phàirt na roinne fhèin. 'S ann dhan Kyivska Oblast a bhuinneas an Raon Às-dùnadh Chernobyl.[1]
Eachdraidh
deasaichBhuinneadh talamh na h-Oblast dhan Hetmanshchyna (stàit Chosagach, Ucràinis: Гетьманщина) bho 1649 gu ruige 1764.[2] Chaidh an Oblast fhèin a chruthachadh ann an 1932. B' e an Oblast seo, a bharrachd air Kharkivshchyna, a dh' fhuiling na bu mhotha agus na bu mhiosa na àite sam bith eile san dùthaich ri linn Gort na h-Ucràine (Ucràinis: Голодомо́р) eadar 1932 agus 1933.[3] Chaochail 1,110,800 leis an acras.[4] Bhòt 95.52% nan daoine ann an Kyivska Oblast airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an 1991.[5] Air 15 an Giblean 2022 thuirt Andriy Nebytov, ceannard na poileis ann an Kyivska Oblast, gun do lorgadh mu 900 cuirp sìobhaltach fad Kyivshchyna, mar thoradh air a' bhuirbeachd a rinn feachdan na Ruise ri linn Ionnsaigh na Ruise air An Ucràin ann an 2022.[6]
Daoine Ainmeil
deasaich- Yossele Rosenblatt (1882 - 1933): Hazzan.
- Igor Sikorsky (1889 - 1972): Innleadair.
- Mikhail Bulgakov (1891 - 1940): Sgrìobhadair.
- Golda Meir (1898 - 1978): Neach-poileataigs.
- Lyudmila Pavlichenko (1916 - 1974): Snaidhpear.
- Mira Mendelson (1917 - 1945): Bàrd.
- Zuzanna Ginczanka (1917 - 1945): Bàrd.
- Kostiantyn Skorokhod (1921 - 1991): Ceòl-sgrìobhaiche.
- Halyna Nevinchana (1957): Peantair.
- Milla Jovovich (1975): Cleasaiche.
- Elena Baltacha (1983 - 2014): Cluicheadair teanais.