Nikolai Tikhonov
B' e innleadair agus neach-poileataigs Ucràineach/Sobhiatach a ghabhadh ri co-mhaoineas a bh' ann an Nikolai Aleksandrovich Tikhonov (Ucràinis: Микола Олександрович Тихонов, Ruisis: Николай Александрович Тихонов, Kharkiv, 14 an Cèitean 1905 - Mosgo, 10 an t-Ògmhios 1997).[1] Bhuinneadh e gu teaghlach gu math bochd. Fhuair Tikhonov a chuid foghlaim sa Cholaiste Mheatailteachd ann an Dnipro. Chuir e seachad na bliadhnaichean bho 1930 gu ruige 1941 ag obair ann an taigh-gnìomhachais ann an Dnipro, far an do choinnich e ri Leonid Brezhnev. B' ann dlùth air Brezhnev s' a bha Tikhonov fad a bheatha. Bha iomadh post cudromach sa nomenklatura an Aonaidh Sobhiataich aige, mus bhris an stàit a-mach à chèile.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Герои Станы
- ↑ Ploss, Sidney (2010). The Roots of Perestroika: The Soviet Breakdown in Historical Context. McFarland & Company. p. 132. ISBN 978-0-7864-4486-1