Brno
Brno
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Brno-město | ||||
Sgìre | Jihomoravský kraj | ||||
Co-chomharran | 49° 12 00' Tuath 16° 37 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 230.19 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 377,028 (2006) | ||||
Dlùths | 1,637.9/km² | ||||
Àireamh fòn | + 542 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.brno.cz/uvodni-strana/ |
'S e baile mòr agus sgìreachd (Seacais: obec) air an àirde an ear-dheas Poblachd nan Seiceach a tha ann am Brno (IPA: /br̩no/, Gearmailtis: Brünn). 'S e an dàrna baile as motha na dùthcha a tha ann. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais mu 1000 agus bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918. Thogadh caisteal an seo anns an 11mh Linn agus chaidh a chuairteachadh leis an Rìgh Vratislaus II ann an 1091.[1] Chuairtich feachdan na Suaine an caisteal ann an 1645 ann an Cogadh na trichead bliadhna. Chaochail Gregor Mendel an seo ann an 1884.[2] Rinn tuiltean droch sgrios air a' bhaile ann an 1938 agus 1941.[3] Tha Brno suidhichte faisg air na crìochain leis an Ostair, eadar Vienna agus Ostrava san roinn (Seacais: kraj) Jihomoravský, aig comar nan aibhneachan Svitava (Gearmailtis Zwittawa) agus Svratka (Schwarzach), aig 237m os cionn ìre na mara. Tha 377,028 duine a' fuireach ann.[4]
Daoine ainmeil
deasaich- Hanna O’Donell (1874 - 1936)
- Milan Kundera (1929)
Bailtean co-cheangailte
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Čapka, František (2003). "Ota Olomoucký a Konrád Brněnský". Morava. Stručná historie států. Pràg, ISBN 80-7277-186-8.
- ↑ Mendel Museum
- ↑ University of Harvard
- ↑ Cunntas-sluaigh na Stàite