Fosgail am prìomh chlàr-taice

'S e nobhailiche is sgrìobhaiche sgeulachdan goirid a tha ann an Kazuo Ishiguro.

Kazuo Ishiguro
Kazuo Ishiguro by Kubik.JPG
Beatha
Breith Nagasaki, 8 dhen t-Samhain 1954
Dùthaich  An t-Seapan  (1954 -  1982)
 An Rìoghachd Aonaichte  (1982 -
Cinneadh Japanese community in the United Kingdom
Teaghlach
Athair Shizuo Ishiguro
Màthair Shizuko Ishiguro
Cèile Lorna MacDougall  (1986 -
Clann
Foghlam
Foghlam Woking County Grammar School for Boys
(1966 - 1973)
University of Kent
(1974 - 1979)
Oilthigh East Anglia
(1979 - 1980)
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd nobhailiche, sgrìobhadair, sgrìn-sgrìobhaiche, ùghdar, sgrìobhadair ficsein shaidheansail, lyricist agus sgrìobhaiche òran
Fastaichean London Cyrenians Housing  (1979 -  1981)
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Buaidh Margaret Atwood, Marcel Proust agus Fyodor Dostoyevsky
Ballrachd Comann Rìoghail an Litreachais
Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans
IMDb nm0410958

Rugadh e ann an Nagasaki ann an 1954 is dh'imrich a theaghlach do Shasainn nuair a thòisich athair ag obair mar chuan-eòlaiche ann an Godalming. Dh'ionnsaich e litreachas agus feallsanachd aig Oilthigh Kent aig Canterbury is dh'obair e mar obraiche sòisealta mus do rinn e for-cheum ann an sgrìobhadh cruthachail aig Oilthigh East Anglia.

Chaidh sgeulachdan goirid aige fhoillseachadh ann an 1981, is chaidh a chiad nobhail, mu Nagasaki, A Pale View of Hills, fhoillseachadh ann an 1982. Chaidh a threas nobhail, The Remains of the Day, fhilmicheadh is bhuannaich e an Duais Booker.[1]

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 2017.[2]

LeabhraicheanDeasaich

  • A Pale View of Hills (1982)
  • An Artist of the Floating World (1986)
  • The Remains of the Day (1989)
  • The Unconsoled (1995)
  • When We Were Orphans (2000)
  • Never Let Me Go (2005)
  • Nocturnes: Five Stories of Music and Nightfall (2009, sgeulachdan goirid)
  • The Buried Giant (2015)

IomraidheanDeasaich

  1. Kazuo Ishiguro - Literature”. Comhairle Bhreatannach. Air a thogail 18mh dhen Ghiblean 2018.
  2. The Nobel Prize in Literature 2017”. Nobel Media AB. Air a thogail 18mh dhen Ghiblean 2018.