B’ e sgrìobhadair às an Danmhairg a bha ann an Henrik Pontoppidan.

Henrik Pontoppidan
Beatha
Breith Fredericia, 24 dhen Iuchar 1857
Dùthaich Rìoghachd na Danmhairge
Àite-fuirich Fredericia
Randers (en) Translate
Bàs Ordrup (en) Translate agus Copenhagen, 21 dhen Lùnastal 1943
Teaghlach
Athair Dines Pontoppidan
Cèile Mette Marie Hansen (en) Translate  (2 dhen Dùbhlachd 1881 -  1892)
Antoinette Kofoed (en) Translate  (9 dhen Ghiblean 1892 -
Bràithrean ⁊ peathraichean
Fine Q121301188 Translate
Foghlam
Cànain Danmhairgis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair, nobhailiche, fèin-bheatha-eachdraiche agus bàrd
Àitichean-obrach Copenhagen
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Gnè ealain rosg
IMDb nm0690703

Rugadh e ann am Fredericia ann an 1857 agus chaidh e do Chopenhagen airson innleadaireachd ionnsachadh ann an 1873. Dh'fhàg e an t-Institiud Polytechnic ann an 1879 is dh'obraich e mar thidsear gu ruige 1882, an dèidh do chiad teachd a-mach litreachail, sgeulachd ghoirid, Et endeligt ('An Deireannach') anns an iris Ute og hjemme ('A-muigh agus Dhachaigh'). Dh'fhoillsich e a chiad nobhail, Sandinge Menighed (Co-thional Shanding'), ann an 1883. Chaochail e ann an Copenhagen ann an 1943.[1]

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas còmhla ri Karl Gjellerup ann an 1917.[2] Tha e ainmeil airson nan leabhraichean aige, far an robh e a' sgrìobhadh gu math mionaideach mu dhòigh-beatha anns an Danmhairg. Seo cuid den fheadhainn as ainmeile aige:

  • Det forjættede Land (I-III 1891-95, Beurla: The Promised Land 1896, 'Fearann a' Gheallaidh'),
  • Lykke-Per (1898-1904) (Lucky Peter, 'Peadar sona'),
  • De dødes Rige (1912-16, Beurla: The Realm of the Dead, 'Rìoghachd nam Marbh')
  • Mands Himmerig (1927, Man’s Heaven ,)

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Mitchell, P. M. (7mh dhen Dùbhlachd 2011): “Chronology”. Syddansk Universitet, Det Kongelige Bibliotek is Pontoppidan Selskabet. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2018.
  2. The Nobel Prize in Literature 1917”. Nobel Media AB. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2018.