Inbhir Pheofharain
gun bhratach Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Inbhir Pheofharain is located in Alba
Inbhir Pheofharain
Inbhir Pheofharain (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Siorrachd Rois
Parraist Inbhir Pheofharain
Co-chomharran 57° 35′ 43.57″ Tuath
4° 25′ 34.05″ Iar
Comharradh-clèithe NH549590
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 5,026 (2001)
Àireamh fòn 01349
Còd-puist IV15
Duilleag oifigeil [1]

’S e Inbhir Pheofharain[1] (IPA:/'iɲɪɾʲ 'fjɔhəɾan/) no Baile Chàil[2] (Beurla: Dingwall no Bailechaul) am prìomh-bhaile ann an Siorrachd Rois. Tha e suidhichte mu dhà mhìle dheug air falbh bho Inbhir Nis fo dhubhar Bheinn Uais (3429’). Tha e air a bhith na Bhorgh Rìoghail fad barrachd air 780 bliadhna, a bheir cead dha malairt a dhèanamh tron t-saoghal. ’S e àite math a th’ ann airson faighinn gu àiteachan eile sa Ghàidhealtachd le rathadan agus an rathad-iarainn a’ dol deas tro Inbhir Nis, a’ dol an iar agus a’ dol tuath tro Inbhir Ghòrdain.

Ro Eachdraidh

deasaich

Bho Linn Deigh mu dheireadh suas gu mu 500ÀC, bha an làrach far a bheil Inbhir Pheofharain air a shuidheachadh na pàirt dhe bhoglach làn-mara. Thàinig an abhainn Pheofharain gu crìoch far a bheil Srath Pheofharain air a shuidheachadh agus bha Inbhir Pheofharain fon uisge bhon Tulach air an taobh tuath gu Baile a' Ghlasaich air an taobh deas agus bho Millnain, trì mìle air falbh bho Inbhir Pheofharain, air an taobh an iar dha Linne Crombaigh air an taobh an ear.

Na Cruithnich

deasaich
 
Clach Chruithneach dhen 1d chlas

An dèidh 500ÀC, thòisich an làrach a thiormachadh agus thòisich na Cruithnich bho Bhaile a' Ghlasaich agus an sluagh bhon Tulach a' fuireach air. Chuir iad an t-ainm Inverfheoran air a’ bhaile neo Inverferan mar a chleachd an Eaglais. Bha ainm eile air a' bhaile cuideachd agus 's e Baile Chàil a bh' ann, air sgàth 's gun robh tòrr phòran a' cuairteachadh a' bhaile. Tha fianais fhathast anns an Eaglais Parraist gun robh na Cruithnich a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain far a bheil Clach Chruithneach dhen 1d chlas ann.

Na Maormores

deasaich

Bhon an 6mh linn bha Inbhir Pheofharain fo smachd na Maormores a bha coltach ri Rìghrean na h-Alba. Tha dà Mhaormores uabhasach ainmeil fhathast ’s e sin Finlaec agus a mhac MacBheatha. Chan eil fianais aig duine sam bith nan rugadh MacBheatha ann an Inbhir Pheofharain, ach tha fianais aig luchd-eachdraidh gun robh Finlaec a’ fuireach anns a’ bhaile nuair a rugadh MacBheatha. Cuideachd tha fianais gun robh MacBheatha a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain nuair a bha e òg agus mus robh e na Rìgh air Alba.

 
MacBeth

Na h-Albannaich agus na Lochlannaich

deasaich

An dèidh nam Maormores thug na Gàidheil smachd air Inbhir Pheofharain nuair a thàinig iad gu Alba bho Èirinn. Aig an àm sin b' e Inbhir Pheofharain an t-àite a b' fhaide anns an taobh tuath a bha fo smachd nan Gàidheal, agus na h-àiteachan eile anns an taobh tuath fo smachd nan Lochlannach. Bha tòrr sabaid aig Inbhir Pheofharain air sgàth ’s gun robh e uabhasach math mar àite airson faighinn tron a’ Ghàidhealtachd; cuideachd, thug na Lochlannaich ionnsaigh air Inbhir Pheofharain gu tric. Mu 1030, thàinig na Lochlannaich gu Inbhir Pheofharain a’ leantainn Thorfinn; bha blàr beag ann: ’s e am “Battle of Torfness” a bh’ ann. Bhuannaich Thorfinn agus an armailt aige agus chuir e Inbhir Pheofharain, a chaisteil agus an talamh fo smachd.[3] Bha am baile fo smachd Thorfinn airson an ath 37 bliadhna. Nuair a thug e smachd air a’ bhaile thòisich e seòrsa cùirt neo þing mar a chanas iad ann an Lochlannais agus chaidh an t-ainm Inbhir Pheofharain gu þingvollr a tha a’ ciallachadh “achadh na cùirte” ann an Lochlannais agus chaidh seo gu "Dingwall". Mu 1200 thug rìghrean na h-Alba smachd maireannach air a' bhaile.

Iarlan Shiorrachd Rois

deasaich

Ann an 1226 chaidh Inbhir Pheofharain na Bhorgh Rìoghail agus thug an Rìgh cead dhan bhaile malairt a dhèanamh tron t-saoghal. Tro na Cogaidhean Albannach bha Inbhir Pheofharain fo smachd Èideird I à Shasainn, ach bhuannaich Iarla Rois smachd air a’ bhaile airson Raibeart Bruis. A-rithist ann an 1314, thug Iarla Rois cuideachadh do Raibeart Bruis aig Blàr Allt a' Bhonnaich. Airson a’ chuideachaidh sin, thug Raibeart Brus Inbhir Pheofharain, a chaisteal agus an talamh dha Iarla Rois. Ann an 1411 dh’fheuch Aonghas, Tighearna nan Eilean, smachd a ghabhail air Inbhir Pheofharain air sgàth ’s gun robh e a’ feuchainn an tiotal Iarla Rois a ghabhail ach cha robh e soirbheachail. Co-dhiù, ann an 1438 chaidh Alexander, Tighearna nan Eilean, na Iarla Rois agus thòisich e a’ fuireach anns a’ bhaile. An dèidh Alexander thàinig a mhac an ath Iarla Rois ach cha robh e cho shoirbheachail air sgàth ’s gun do dh’fheuch e co-chòrdadh a dhèanamh le Rìgh Shasainn, Èideard IV, gus Crùn na h-Alba a ghabhail. Chuala Rìgh Seumas III na h-Alba mu dheidhinn seo agus thug e smachd air Inbhir Pheofharain agus air a h-uile rud a bh’ aig Iarla Rois. An dèidh sin ‘s e an dàrna mac aig an Rìgh a bha na Iarla Rois. Dh’fhàg an crùn Inbhir Pheofharain mu 1600 agus chaidh an caisteil na thobhta. Bha e ga chleachdadh mar dhoca suas gu 1817 nuair a sgrios e.

 
Talla a' Bhaile

Ghluais an Riaghaltas ann an Inbhir Pheofharain gu Dùn Èideann agus dh’fhàg iad am baile leatha fhèin. Ann an 1707 ghluais an Riaghaltas a-rithist gu Lunnainn agus thug iad aon bhòt anns a’ phàrlamaid eadar na còig buirgh anns an taobh tuath, 's e Inbhir Pheofharain, Baile Dhubhthaich, Inbhir Ùige, Inbhir Theòrsa agus Baile na h-Eaglais a th’ annta. Anns an taghadh airson an riochdaire seo, bha Inbhir Pheofharain ainmeil airson airgead a ghabhail gus an bhòt aca atharrachadh. Ann an 1730 chleachd a’ chomhairle ann an Inbhir Pheofharain an t-airgead seo airson Talla a’ bhaile a thogail, agus ann an 1774 chleachd iad an t-airgead seo a-rithist gus an tur gleoc a chur air Talla a’ bhaile. Bha an gleoc an seo suas gu 1906 nuair a chaidh gleoc ùr a chur na àite. Chan eil seo ach aon dhe àireamh bheag dhe ghleocaichean mar seo a tha fhathast ag obair ann an Alba agus tha e 100 bliadhna a dh’aois a’ bhliadhna seo.

Cùl Lodair

deasaich

Roimh 1707 bha tòrr smachd air an t-siorrachd aig Clann Choinnich air sgàth ’s gun robh iad càirdeil ris a’ crùn. Ann an 1745 thug Iarla Chrombaigh neo Probhaist Inbhir Pheofharain Clann Choinnich gu Cùl Lodair a chuideachadh a' Phrionnsa ach cha bhuannaich iad am blàr. An-dèidh Cùl Lodair bha a’ chùirt anns a’ bhaile gu math cudromach airson cumail ris an dòigh ùir. Thàinig tòrr luchd-lagha gu Inbhir Pheofharain air sgàth 's gun robh a’ chùirt gu math trang agus bha tòrr airgid ri fhaighinn.

Am Baile Siorrachd agus an t-Ionad Margaidh

deasaich

Eadar an ochdamh linn deug agus an naoidheamh linn deug thòisich a' tuathanachas ag atharrachadh agus bha tuathanachas malairteach na bu chumanta agus thàinig tòrr airgid gu Inbhir Pheofharain. Anns an naoidheamh linn deug chaidh rathaidean ùr a thogail le Thomas Telford agus bha Inbhir Pheofharain gu math trang. Thug an Rìgh an tiotal Baile Siorrachd air a’ bhaile ann an 1843.

Bha coinneamh aig a’ chomhairle ann an 1884 mu dheidhinn ionad margaidh a thogail agus chaidh a' chiad fèill-reic a chumail aig a’ mhart air an 5mh là dhen Lùnastal 1884. Ann an 1890 thàinig an rathad-iarainn dhan bhaile còmhla ris an ionad margaidh ur, agus ann an 1891 thòisich an ionad margaidh a' cumail fèill-reic gach seachdain.

Bha am mart fo smachd buidhnean diofraichte thairis air na bliadhnaichean ach ann an 1992 chaidh iad na aon chompanaidh, Dingwall Auction Mart Ltd, ach ann an 1995 chaidh sin na Dingwall & UA Partnership Ltd agus dhùin UA am mart aca ann an Inbhir Nis. Ann an 2000 chaidh UA a cheannach le Dingwall Auction Mart Ltd, agus ann an 2002 chaidh iad nan Dingwall & Highland Marts Ltd. Ann an 2003 dhùin iad am mart agus ghluais iad gu làrach ùr aig Humberston Farm air an taobh deas a’ bhaile agus thog Tesco bùth ùr air an t-seann làrach i.

A' Chlais-uisge

deasaich

Aig toiseach naoidheamh linn deug bha conaltradh le bailtean eile air feadh na Gàidhealtachd glè dhoirbh. Leasaich conaltradh nuair a thog Thomas Telford na rathaidean a’ dol gu Inbhir Pheofharain ach bha e fhathast glè dhoirbh airson bàtaichean bathair fhaighinn gu Inbhir Pheofharain. B’ àbhaist dhaibh stad aig Crombaigh agus chaidh am bathair a chur air bàtaichean mòr agus chaidh iad dhan tràigh aig Inbhir Pheofharain. An uair sin chaidh am bathair a chur gu Inbhir Pheofharain le carbadan. Rinn Thomas Telford, Henry Davidson agus Alexander MacKenzie na planaichean airson an clais-uisge agus dh’obraich iad air Clais-uisge na h-Alba cuideachd. Thòisich iad ga thogail anns a’ Ghiblean ochd ceud deug ‘s a sia deug agus bha iad deiseil ann am Mart ochd ceud deug ‘s seachd deug. Ach cha do dh’èist na clachairean ri Telford nuair a thuirt e gum biodh an clais-uisge làn le eabar ma bha an abhainn Pheofharain a’ dol troimhpe. Bha e ceart agus lìon an clais-uisge le eabar as dèidh ùine ghoirid, cha robh airgead gu leòr aig a’ chomhairle airson an clais-uisge a chumail agus chaidh a dùnadh ann an ochd ceud deug ‘s a ceathrad. Tha i ann fhathast an-diugh ach chan eil i ag obair.

Eachann nan Cath

deasaich
 
Mhàidsear-Seanailear Sir Eachainn MacDhòmhnaill
 
Cuimhneachan Eachainn MhicDhòmhnaill

Rugadh Eachann MacDhòmhnaill air an tritheamh là deug dhen Ghiblean ann an 1853 aig Rootfield, croit athar ann am Maol Buidhe faisg air Inbhir Pheofharain. Thogadh e an sin cuideachd ach dh’fhàs e sgìth dhen obair air a’ chroit agus chaidh e a dh’Inbhir Nis airson obair a fhaighinn.

Thòisich e ag obair leis an Royal Clan & Tartan Warehouse agus ghabh e a-mach ballrachd ann an companaidh marsantach, pàirt dhe na Highland Rifle Volunteers. Ann an 1870 ghabh e a-mach ballrachd san Naochadamh Gòrdan Gàidhealach 's a dhà agus chaidh e gu na h-Innseachan, Afghanastàn, Afraga a dheas agus an Sudàn na h-Èiphite agus chaidh e na Mhàidsear. Ann an 1900 chaidh e na Mhàidsear-seanalair nuair a chaidh e gu Afraga a dheas agus ann an 1901 thug an Rìgh an tiotal Mhàidsear-seanalair Sir Eachainn MacDhòmhnaill air.

Chaidh e gu Ceylon ann an 1902 ach cha robh na h-oifigearan eile a bha e còmhla ris toilichte gun robh iad ag obair còmhla ri mac croiteir agus ann an 1903, a rèir cuid luchd-eachdraidh chuir iad pìos anns a’ phàipear-naidheachd ag ràdh gun robh e co-ghnèitheach agus b’ toil leis companaidh le balach beag. Seo pìos dhen sgeulachd sin : -

“Dearest Mab, Do you really mean to say that, besides your-self three ladies (all up country ones, too) were the only ones who went to see our new General arrive?... Then, dear, you know we heard a whispered rumour that he does not like ladies, and possibly may have been pleasently surprised when he had dropped on a spicy little Isle where ladies are far and few between.”

—Times of Ceylon 1903.[4]

Chaidh an sgeulachd seo tro Ìompaireachd Bhreatannach agus bha tòrr dhaoine ag ràdh gun robh Eachainn co-ghnèitheach. Thàinig e air ais gu Breatainn airson cuideachadh a fhaighinn bhon Rìgh, ach cha robh an Rìgh deònach a’ toirt cuideachadh dha agus chuir e Eachainn air ais gu Ceylon far an robh e a’ dol gu bhith “court-martialled”. Air an t-slighe air ais, chaidh e gu Paras agus dhùisg e aon là agus chaidh e sìos an staidhre airson bracaist a fhaighinn. Leugh e am pàipear-naidheachd agus chunnaic e pìos ag ràdh gun robh e co-ghnèitheach agus a’ bruidhinn mu dheidhinn na sgeulachd. An dèidh dha an sgeulachd leughadh, chaidh e air ais suas an staidhre gu a sheòmar agus chuir e peilear tro a cheann.

Chan eil fianais aig luchd-eachdraidh fhathast a chanas a bheil an sgeulachd seo fìor neo an e dìreach sgeulachd a chuir na h-oifigearan a-mach air sgàth gun robh iad mì-thoilichte a bhith ag obair còmhla ri mac croiteir. Ach tha fianais ann gun robh e pòsta agus bha clann aige.

Eadar 1904 agus 1907 chaidh an Hector MacDonald Monument a thogail air Cnoc Mhìcheil ann an Inbhir Pheofharain.[5]

Am Mòd ann an Inbhir Pheofharain

deasaich

Chaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns a’ bhaile ann an 1905[6], 1931[7] agus 1991[8].

An-diugh

deasaich

An-diugh tha Inbhir Pheofharain uabhasach trang agus beòthail. Tha an Sràid Àrd air cumail airson coisiche agus tha sgeama Shop Mobility ag obair anns a’ bhaile airson daoine ciorramach. Bidh an Sràid Àrd dùinte gach mìos air sgàth 's gum bidh Mart na Tuathanaich ann. ‘S urrainn dhaibh glasraich, measan, flùraichean, feòil, aran, iasg, lusan agus seudan a cheannach bho luchd-dèanaimh ionadail. Cuideachd tha Car boot sale ga chumail gach Disathairne aig an t-ionad-margaidh ùr aig Humberston Farm.

Tha leabharlann ann agus tha seo ri taobh an Ionaid Choimhearsnachd agus an Ionad Gàidhlig. Cuideachd tha Sgoil St. Clemants, sgoil sònraichte airson daoine le ciorram, ann.

Tha Ionad Spòrs ann faisg air an Àrd-sgoil a tha mu choinneamh na Bun-sgoil. Tha lon snàmh mòr, talla geama beag airson ball-coise, ealainean còmhraige, badmantan agus tòrr eile. An-dràsta tha iad a’ togail Àrd-sgoil ùr agus bidh seo deiseil ann am bliadhna neo dha.

Tha pàirc na cloinne neo Pàirc Pheofharain air cùlaibh an Tesco ùr le pàirc airson cloinn nas òige agus pàirc eile airson cloinn nas sine, cùirtean Tennis, linne bàta agus bùth ann cuideachd. Tha làrach airson teantaichean neo carabhanaichean faisg air Pàirc Bhioctòria, an dachaigh aig Siorrachd Rois agus far a bheil an Àrd-sgoil Ball Coise suidhichte agus tha achadh “astroturf” ball-coise ann cuideachd airson na coimhearsnachd.

Tha meadhan a' bhaile, eadar Church Street agus High Street na raoin-ghlèidhteachais[9].

Iomraidhean

deasaich
  1. Inbhir Pheofharain/ Dingwall”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen t-Sultain 2017.
  2. "Dictionary of the Scots Language :: SND :: Kail n." www.dsl.ac.uk (in Beurla). Retrieved 23 March 2017.
  3. "The Castle's Story". www.castleleod.org.uk (in Beurla). Castle Leod. Retrieved 23 March 2017.
  4. Farwell, Byron (1988): Eminent Victorian Soldiers: Seekers of Glory (Beurla). W. W. Norton & Company, td. 293. ISBN 9780393305333. Air a thogail 23mh dhen Mhàrt 2017. 
  5. Mackay, Craig. "Sir Hector McDonald Monument, Dingwall, Ross-shire, Scotland". www.scotlandguides.org (in Beurla). Retrieved 23 March 2017.
  6. The Dingwall Mod’. 1905. ann an An Deò-ghreine Leabhar 1: àireamh 2, d.20-33. Ri fhaicinn aig Tasglann a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
  7. The Dingwall Mod, 1931’. 1931. ann an An Gàidheal Leabhar XXVII: àireamh 1, d.4-8. Ri fhaicinn aig Tasglann a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
  8. Prògram a’ Mhòid agus Iomall a’ Mhòid. 1991. Ri fhaicinn aig Tasglann a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
  9. Dingwall(Beurla). Comhairle na Gàidhealtachd. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach

deasaich