Tighearnas nan Eilean
B' e rìoghachd chumhachdach anns na linntean meadhanach a bh' ann an Tighearnas nan Eilean no Rìoghachd nan Eilean (the Lordship of the Isles ann am Beurla).
Somhairle Mac Gille Brìdhde
deasaichAnns an 12mh linn, bha Somhairle Mac Gille Brìdhde (?1117-1164) na thighearna-cogaidh cudromach. A rèir beul-aithris, b' e Lochlannach a bh' ann an athair Shomhairle, ach b' e bana-Ghàidheal a bh' anns a mhàthair. Ann an 1140, phòs Somhairle Raghnailt, nighean Olaf Ruaidh, rìgh Eilean Mhanainn agus nan Eilean.[1] Ann an 1156, thug Somhairle buaidh air Goraidh Dubh, mac Olaf Ruaidh agus rìgh Lochlannaich nan Eilean, agus fhuair e cumhachd air Innse Gall agus Eilean Mhanainn. Ach bha Somhairle ag iarraidh fearann air tìr-mòr cuideachd. Ann an 1164, bha Somhairle a' dèanamh iomairt ann an Earra-Ghàidheal agus chuir e roimhe ionnsaigh a thoirt air Rinn Friù, ach chaidh Somhairle a bhrathadh agus a mharbhadh leis a dhàimheach fhèin.[2] Nuair a bhàsaich Somhairle, fhuair mac Shomhairle, Dùghall, agus dithis ogha aige, Ruairidh agus Dòmhnall, an rìoghachd agus stèidhich gach fear dhiubh cinneadh aige fhèin: fhuair Dòmhnall agus a chlann Ìle, agus ann an 14mh linn, b' e Clann Dòmhnaill an cinneadh a bu chudromaiche.[3]
Blàr na Leargaidh Gallda (1263)
deasaichBha Aonghas Mòr MacDhòmhnaill, ogha Shomhairle, an làthair aig an tachartas a bha anabarrach cudromach ann an eachdraidh na Rìoghachd agus na h-Alba air fad: Blàr na Leargaidh Gallda, eadar Alasdair III, Rìgh na h-Alba, agus Haakon, Rìgh Nirribhidh. B' e Alasdair a bhuannaich anns a' chath agus chaill na Nirribhich am buaidh ann an Alba. Cha do chaill Aonghas Mòr a rìoghachd, oir ghabh e bòid dìlseachd do Rìgh Alasdair, ach bha Rìgh na h-Alba na àrd-uachdaran os cionn Tighearnas nan Eilean as dèidh sin.