'S e innleadair Albannach a bha ann an Thomas Telford (1757–1834). Tha e ainmeil air sgàth 's na togalaichean agus na rathaidean a thog e.

Thomas Telford
Beatha
Breith Gleann an Dùin Fhinn, 9 dhen Lùnastal 1757
Dùthaich  Alba
Bàs Westminster (en) Translate, 2 dhen t-Sultain 1834
Àite-adhlacaidh Abaid Westminster
Dreuchd
Dreuchd ailtire, einnseanair-thogalach agus fèin-bheatha-eachdraiche
Obraichean comharraichte Pont Grog y Borth
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Comann Rìoghail
Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan
Comann Rìoghail Dhùn Èideann
Institiuid nan Einnseanairean Catharra
masonic lodge (en) Translate

Beatha tràth deasaich

Rugadh Thomas Telford san 9 an Lùnastal 1857 air croit ann an Glendinning, mu thrì mìle san iar air Eskdalemuir Eskdalemuir Kirk, Eisgeadal/Eskdale, gleann ann an Siorrachd Dhùn Phrìs mu 10 mìle san ear-thuath Logarbaidh. Chaochail athair, Iain Telford, san dearbh bliadhna nuair a rugadh Telford. B' e cìobair a bha ann an Iain Telford le taigh air mhàl airson na h-obrach a rinn e do dh'uachdaran na h-oighreachd, agus mar sin chaill an teaghlach an dachaigh aca an dèidh bàs athar. Dh'fhuirich Thomas is a mhàthair còmhla ri nàbaidhean agus chaidh Thomas Telford a thogail ann am bochdainn. Thòisich e ag obair tràth sa bheatha, mar bhuachaille no thug e cuideachadh sam bith don teaghlach far an robh iad a' fuireach. A dh'aindeoin sin chaidh e gu sgoil gu cunbhalach, dh'ionnsaich e leughadh, sgrìobhach is cunntadh, rudeigin nach robh àbhaisteach aig an àm ud.

Nuair a bha e 14 bliadhna a dh'aois dh'ionnsaich e a bhith na chlachair. An dèidh crìoch a chur air an tàilleabhachd, bha e ag obair mar chlachair-siubhail anns an sgìre timcheall air Langaim, far nach robh ach gu ìre mhòr ach taighean-tughaidh le ballaichean eabair. Tha soidhnichean rim faicinn gus an latha an diugh air cuid de na clachan ann an bogha-drochaide thairis air an abhainn Easg ann an Langaim far an robh Telford ag obair eadar 1775 is 1778.[1]

Air sgàth 's gun robh Langaim cho beag, bha e h-uile duine eòlach air a chèile. Mar sin thachair e ri Miss Pasley, a thug cuireadh don dìlleachdan bhochd ag bha ag obair cho cruaidh. Nuair a mhothaich i gun robh ùidh aig Telford air leughadh leabhraichean, fhuair e leabhraichean bhuaipe air iasad, leithid leabhraichean Robert Burns no John Milton 'Paradise Lost' agus bhrosnaich sin ionnsachadh air a cheann fhèin. A bharrachd air sin thòisich Telford air bàrdachd a sgrìobhadh cuideachd.

Dùn Èideann is Lunnainn deasaich

Ann an 1780 dh'fhàs e sgìth a bhith ag obair ann an sgìre bochd mar Langaim, mar sin chaidh e gu Dùn Èideann. Bhathar a thogail am Baile Ùr agus bha obair gu leòr ri faighinn do chlachair eòlach. Nuair a bha àm saor aige ionnsachadh mu ailtireachd is tarraing dhealbhan dha fhèin agus choisich e tron bhaile is a' coimhead gu dhlùth air na seann togalaichean mar Holyroodhouse agus Caisteal Dhùn Éideann.

Ann an 1782, nuair a bha e 25 bliadhna a dh'aois, chaidh e a Lunnainn, far an robh cosnaidhean na b' fheàrr rim faighinn le fàs gnìomhasaich. Le litir bho Miss Pasley fhuair e cosnadh le Sir William Chambers, ailtire Somerset House, Telford ag obair air Taigh Somerset. Nuair a bha Telford ag obair an seo b' e amas: a bhith an clachair as fheàrr san àite-obrach seo.

Obair deasaich

Dhealbhaich e na planaichean gus an drochaid Pont Grog y Borth (Beurla: Menai Suspension Bridge) eadar an t-eilean Ynys Môn agus tìr-mòr na Cuimrigh a thogail.[1]

Iomraidhean deasaich

  1. 1.0 1.1 Thomas Telford”. Menai Heritage. Air a thogail 9mh dhen Lùnasdal 2018.
 
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: