Iain Mac a' Ghobhainn
'S e tidsear agus sgrìobhadair a bha ann an Iain Mac a' Ghobhainn (1 am Faoilleach 1928 – 15 an Dàmhair 1998), a bha cuideachd a' cleachdadh an ainm Bheurla Iain Crichton Smith. Sgrìobh e bàrdachd, nobhailean, sgeulachdan goirid is dealbhan-cluich sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.
Iain Mac a' Ghobhainn | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Glaschu, 1 dhen Fhaoilleach 1928 |
Dùthaich |
![]() |
Bàs | 15 dhen Dàmhair 1998 |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Obar Dheathain |
Cànain |
Gàidhlig Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
Duaisean a fhuaras | |
Gnè ealain | bàrdachd |
IMDb | nm4247671 |
Sgeul-beathaDeasaich
Rugadh e ann an Glaschu ann an 1928, ach bha a phàrantan à Leòdhas agus ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e fhathast òg, ann an 1930. Thogadh e ann am Pabail, an aon bhaile far an do thogadh Ruaraidh MacThòmais agus Anna Frater. B' e Gàidhlig am prìomh chànan aige. Bhàsaich athair leis a' chaitheamh. Chaidh e do Sgoil Phabail, Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh is rinn e ceum ann an Oilthigh Obar Dheathain ann am Beurla. Cheumnaich e ann an 1949. Rinn e seirbheis nàiseanta agus às dèidh na seirbheise, bha e ag obair mar thidsear ann am Bruaich Chluaidh agus, airson bhliadhnaichean, anns an Oban. Dh'fhàg e Àrd-Sgoil an Òbain ann an 1977, oir bha e ag iarraidh a bhith a' sgrìobhadh làn-thìde. Nuair a phòs e Donalda Gillies Logan, ghluais iad gu Taigh an Uillt. Ann an 1980, fhuair e OBE. Gu mì-fhortanach, thàinig aillse air agus chaochail Iain Mac a' Ghobhainn ann an 1998, nuair a bha e 70 bliadhna a dh'aois.
CuspaireanDeasaich
Bha ùidh aig Mac a' Ghobhainn ann am Fuadach nan Gàidheal: tha an nobhail Beurla aige, Consider the Lillies, an dealbh-chluich Gàidhlig, A' Chùirt, is an dàn Gàidhlig a' làimhseachadh a' chuspair seo.
Leabhar-chlàrDeasaich
Bàrdachd GhàidhligDeasaich
- Bìobuill is Sanasan Reice. Glaschu: Gairm, 1965.
- Eadar Fealla-dhà is Glaschu. Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 1974.
- Na h-Eilthirich. Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 1983.
- An t-Eilean agus an Cànan. Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 1987.
Rosg GàidhligDeasaich
- 'An Coigreach', Gairm 25 (1958): cuideachd ann an Eadar Peann is Pàipear (133-138).
- Bùrn is Aran. 1960. 'An Duine Dubh', 'Burn': cuideachd ann an Eadar Peann is Pàipear (deas. le Dòmhnall Iain MacIomhair, Glaschu: Gairm, 1985, 102-103, 167-171).
- An Dubh is an Gorm. Obair-Dheadhain: Oilthigh Obair-Dheadhain, 1963. 'An Comhradh', 'Aig a' Chloich-Chuimhne', 'An Taghadh': cuideachd ann an Eadar Peann is Pàipear (113-115, 127-129,150-154)
- 'Ioseph', Gairm 43 (1963): cuideachd ann an Eadar Peann is Pàipear (11-13).
- Iain am Measg Nan Reultan. 1970.
- Maighstirean is Ministearan. 1970.
- An t-Adhar Ameireaganach. 1973.
- Rabhdan is Rudan. 1973.
- An t-Aonaran. Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, 1976.
- 'Mairead', Gairm 120 (1982): cuideachd ann an Eadar Peann is Pàipear (41-43).
- Bùrn is Aran. 1987.
- A' Bheinn Oir. 1989.
- Na Speuclairean Dubha. 1989.
- Turas tro Shaoghal Falamh. 1991.
- Na Guthan. 1991.
- An Dannsa mu Dheireadh. 1992.
Dealbhan-chluich sa GhàidhligDeasaich
- A' Chùirt.
Bàrdachd sa BheurlaDeasaich
- The Long River 1955
- Deer on the High Hills 1962
- The Law and the Grace 1965
- Love Poems and Elegies 1972
- The Exiles 1984
- The Village and Other Poems. Manchester: Carcanet Press, 1989.
Nobhailean sa BheurlaDeasaich
- Consider the Lilies 1968
- The Last Summer 1969
- The Permanent Island 1975
- An End to Autumn 1978
- In the Middle of the Wood 1987
- Thistles and Roses 1961
- At Helensburgh 1968
- From Bourgeois Land 1969
- Survival Without Error 1970
- My Last Duchess 1971
- Goodbye Mr Dixon 1974
- Hami Autumn 1974
- The Notebooks of Robinson Crusoe 1975
- River, River 1978
- On the Island 1979
- Murdo 1981
- A Field Full of Folk 1982
- The Search 1982
- Mr Trill in Hades 1984
- The Tenement 1985
- A Life 1986
- The Dream 1989
- An Honourable Death 1992
Sgeulachdan Goirid sa BheurlaDeasaich
- The Black and the Red. 1970.
- The Hermit and Other Stories. 1977.
- "Greater Love" ann an The Grafton Book of Scottish Short Stories. Deas. le James Campbell. London: Grafton Books, 1984. Pp. 227-235.
Bàrdachd CruinnichteDeasaich
- Selected Poems. 1970.
- Selected Poems. 1955-1982, 1982.
- Selected Poems. 1985.
- Selected Poems. 1990.
- Collected Poems. 1992.
AisteanDeasaich
- The Golden Lyric: an Essay on the Poetry of Hugh MacDiarmid. 196;7
- Towards the Human: Selected Essays. Edinburgh: MacDonald,1986.
- ann an The Literature or Region and Nation. 1989. R. P. Draper (deas.) London: MacMillan; New York: St. Martin's Press.
Eadar-theangachadhDeasaich
- Eimhir. Translated by Iain Crichton Smith, with an introduction by Professor Donald Meek. Steòrnabhagh: Acair Earranta, 1999.
- Modern Gaelic Verse. 1966.
- 'Moladh Beinn Dòbhrainn' le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir. 1969.
Mar neach-deasachaidhDeasaich
- Moments in Glasshouses. 1987
- còmhla ri C. King: Twelve More Modern Scottish Poets. 1986
Àistean sgoilearachd mu a dhèidhinnDeasaich
- Frederic Lindsay (1977) "Disputed Angels. The Poetry of Iain Crichton Smith." Akros 12:3 December, 15-26.
- John Blackburn. The Poetry of Iain Crichton Smith. Glasgow: Association for Scottish Literary Studies, 1993.
- Colin Nicholson (deas.). Iain Crichton Smith: Critical Essays. 1992.
- Carol Gow (deas.). Mirror and marble: the Poetry of Iain Crichton Smith. 1992.
- Jon Sanders (2015) 'The Ecology of Iain Crichton Smith's 'High Hills'', Scottish Literary Review 7:1, 75-88.