Derek Mackay
'S e neach-poileataigs Albannach a tha ann an Derek Mackay, BPA.
Derek Mackay | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
| |||||||||
5 dhen Chèitean 2011 - 24 dhen Mhàrt 2016 Sgìre: Siorrachd Rinn Friù a Tuath agus an Iar Taghadh: Taghadh Albannach 2011
5 dhen Chèitean 2016 - 6 dhen Ghearran 2020 Sgìre: Siorrachd Rinn Friù a Tuath agus an Iar Taghadh: Taghadh Albannach 2016
18 dhen Chèitean 2016 - 6 dhen Ghearran 2020
6 dhen Ghearran 2020 - Sgìre: Siorrachd Rinn Friù a Tuath agus an Iar | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Rinn Friù, 30 dhen Iuchar 1977 | ||||||||
Dùthaich |
![]() | ||||||||
Àite-fuirich | Rinn Friù | ||||||||
Foghlam | |||||||||
Foghlam | Oilthigh Ghlaschu | ||||||||
Cànain | Beurla | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||||
Creideamh | |||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Thogadh e ann an Rinn Friù agus bha e na chomhairliche fireannach as òige ann an Alba nuair a chaidh a thaghadh do Comhairle Siorrachd Rinn Friù 21 bliadhna de dh'aois. Chaidh e na cheannard na chomhairle ann an 2007.[1]
Chaidh e na BhPA airson Siorrachd Rinn Friù a Tuath agus an Iar ann an 2011. Bha e na Mhinistear airson Còmhdhalach agus Eilean san Riaghaltas na h-Alba ron iomlaid dreuchd air buill chaibineit ann an 2016 is e na Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhais agus a' Bhun-reachd gu ruige 2020 nuair a leig e a dhreuchd dheth as dèidh aithrisean anns an Sun gun do chuir e ceudan teachdaireachd teacsa gu gille nach robh ach 16 bliadhna a dh'aois.[2]
Mus do leig e a dhreuchd dheth, bha e na bhall den Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.
Ceanglaichean a-machDeasaich
- Pàrlamaid na h-Alba: Derek Mackay (Beurla)
- They Work for You: Derek Mackay (Beurla)
IomraidheanDeasaich
- ↑ Pàrlamaid na h-Alba: Personal Information (Beurla). Air a tharraing 22 an Cèitean 2016.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 6mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 7mh dhen Ghearran 2020.