Gealan beinne
(Larus marinus)
Gealan beinne sa gheamhradh ann an Sealltainn
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Passeriformes
Teaghlach Fringillidae
Gèineas Carduelis
Spèiseas C. flavirostris
Riabhag mhonaidh
Ainm saidheansail
Carduelis flavirostris (Linnaeus, 1758)
Ainmean eile
Fringilla flavirostris Linnaeus, 1758
Linaria flavirostris
Briathran Gàidhlig eile
Gealan-beinne[1]

riabhag-mhonaidh[2]
riabhag-fhraoich[1][2]
reabhag-mhonaidh[1][2]
bigein-baintighearna[1]


'S e eun beag a th' ann an Gealan beinne[3][2] (iol. gealain bheinne) (Laideann:Carduelis flavirostris;Beurla:twite, mountain linnet)

'S ann air a ' mhòintich a chithear e an còmhnaidh. 'S e eun cumanta a th' ann nach eil ann an cunnart. Thathas a' creidsinn gu bheil 170,000-760,000 càraidean ann air feadh an t-saoghail.[4]

 
Dealbh le Wilhelm von Wright (1810 - 1887)

Tha an t-eun mu 13 gu 13.5 cm a dh'fhaide. Tha mullach a chinn donn le strìocadh nas doirche, tha a sgiathan soilleir agus dorch-dhonn. As t-samhradh tha an gob liath ach anns a' gheamhradh tha e buidhe.[3]

Tha a bhroilleach agus a bhrù soilleir-donn le breacadh dorch. Tha a chasan dorch-dhonn. Tha a dhruim soilleir-dhonn le breacadh dorch-dhonn is dubh ach tha bun earbaill a choillich pinc.[3]

Chan eil a cheann no a bhroilleach cho dearg ri ceann a' ghealain lìn no an deargain-sheilich.

Sìol, cuileagan, daolagan.[3]

Uighean

deasaich

An Cèitean – An t-Og-mhìos ; 4 - 6 ; Gorm is breac ruadh.[3]

 
Ugh

Dachaighean

deasaich

Tha an gealan beinne na thàmh ann an iomadh dùthaich san Roinn Eòrpa agus thairis air meadhan Àisia:[4]

Afganastan; Airmeinia; Azerbaijan; Bealarus; A' Bheilg; Bulgàiria; Casagstan; An Danmhairg; An Eadailt; Eastòinia; Èireann; na h-Eileanan Fàro; An Fhraing; Georgia; A' Ghearmailt; Iran; Iraq; Kyrgyzstan; Latbhia; Liotuàinia‎ ; Mongòilia; Neapal; Nirribhidh; An Ostair; Poblachd nan Seiceach; A' Phòlainn; Rìoghachd Aonaichte; Romàinia; An Ruis; Sìona; An t-Slòbhac; An Spàinn; An t-Suain; Suòmaidh; Tajikistan; na Tìrean Ìsle; An Tuirc; Tuircmeanastan; An Ucràin; An Ungair; Usbeagastan

Bidh e cuideachd a' tadhal air:

An Eilbheis; Poblachd na Cròthaise; Montenegro; A' Phortagail; Serbia; Sloibhìnia‎

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 Dwelly, Edward (1911), Faclair Gàidhlig gu Beurla le Dealbhan/Dwelly's Illustrated Gaelic to English Dictionary 1988, Glaschu: Gairn Publications, ISBN 978-0901771926, ISBN 901771929
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 Bauer, Mìcheal. "Am Faclair Beag" gealan-beinne
  3. 3.0 3.1 3.2 3.3 3.4 Breeze Jones, E. V. 1986. Eòin an Àite Gàidhlig le Rennie, Frang U. (Stèornabhagh: Acair) d.32
  4. 4.0 4.1 Fios aig IUCN. Leughte 15 Giblean 2015.

Ceanglaichean a-muigh

deasaich