Carl von Linné
(Air ath-sheòladh o Carl Linnaeus)
B’ e creag-eòlaiche, rannsachair bith-eòlais agus lusaire a bha ann an Carl von Linné (ainmean eile: Carl Linné, Carl Linnaeus, Laideann: Carolus Linnaeus). Rugadh e air 23 Cèitean 1707 air tuathanas ann an ceann a deas na Suaine agus chaochail e air 10 Faoilteach 1778 ann an Uppsala, an t-Suain. Tha e cliùiteach airson an t-siostam ainmeachaidh ris an canar "Taxologie". Sgrìobh e rangachadh saidheansail airson daoine, a h-uile beathach agus lus, a tha fhathast air a chleachdadh le luchd bith-eòlas air feadh an t-Saoghail an diugh.
An dèidh do a bhàs, cheannaich James Edward Smith, bith-eòlaiche Sasannach, na cruinneachaidhean von Linné is stèidhich e the Linnean Society ann an Lunnainn.[1]
EisimpleirDeasaich
Rangachadh saidheansail airson Homo sapiens:
- Rìoghachd (regnum) = Animalia (beathaichean)
- Fìleam (phylum) = Chordata
- Clas (classis) = Mammalia (mamalan)
- Òrdugh (ordo) = Primata (prìomhaidean)
- Teaghlach (familia) = Hominidae
- Gèineas (genus) = Homo
- Spèiseas (species) = H. sapiens
Ceanglaichean a-muighDeasaich
- Biography aig Roinn Bith-eòlas aig Oilthigh Uppsala
- Litrichean
- Biography aig The Linnean Society ann an Lunnainn
- Linnean Herbarium
IomraidheanDeasaich
- ↑ “Linnaean Collections | Research Collections”. Linnean Society. Air a thogail 23mh dhen Chèitean 2018.