Wuppertal
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Ruhrgebiet
Sgìre Nordrhein-Westfalen
Co-chomharran 51° 16 00' Tuath
07° 11 00' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 168.41 km²
Àireamh-shluaigh 355,004 (2020)
Dlùths 2,107.97/km²
Àireamh fòn +49 0202, 02058, 02053
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e baile mòr gnìomhachail faisg air Düsseldorf air an àirde an iar na Gearmailt a th' ann an Wuppertal (IPA: ˈvʊpɐtaːl). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Wupper, aig 160 m os cionn ìre na mara, anns an raon gnìomhachais Ruhrgebiet, san stàit (Gearmailtis: Land) Nordrhein-Westfalen. Tha 355,004 duine a' fuireach ann.[1]

Eachdraidh

deasaich

Chaidh Wuppertal a chruthachadh ann an 1929 nuair a dh' aontachadh Beyenburg, Barmen, Cronenberg, Elberfeld, Langerfeld, Ronsdorf agus Vohwinkel ann an aon bhaile. Aig an toiseach-tòisichidh chanadh Barmen-Elberfeld ris, ach bhot muinntir an àite airson ainm ùr - Wuppertal - a tha a' ciallachadh Gleann Wupper. Chaidh na coimhearsnachd sin uile a chlàradh airson a' chiad turais anns na meadhan aoisean, mar a leanas: Cronenberg (1050), Barmen (1070), Elberfeld (1161), Ronsdorf (1246), Beyenburg (1298), Langerfeld (1304), agus Vohwinkel (1356). Bhuinneadh cha mhor a h-uile gin dhiubh do dh' Àrd-diùcachd Bherg.[2] Thogadh campa-prìosain tràth an seo, air an robh KZ Kemna, a bha ag obrachadh eadar 1933 agus 1934. B' e àite far a phrìosanachadh daoine a bha an aghaidh Nàsachd.[3] Sheas cuid a dhaoine na Gearmailt an aghaidh Adolf Hitler an seo ann an 1934, nuair a chuir buidheann de Crìosdaidhean ainmean dhan Barmer Theologische Erklärung (Gàidhlig: Foirgheall Diadhaireach Bharmen), a thuirt nach b' urrainn do Chrìosdaidhean a ghabhail ri Nàsachd idir.

Daoine ainmeil

deasaich

Bailtean co-cheangailte

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Statistisches Bundesamt
  2. Köbler, Gerhard (1988). Historisches Lexikon der deutschen Länder. Munich:Verlag C. H. Beck, 639. ISBN 3406332900.
  3. Mintert, David Magnus (2007). Das frühe Konzentrationslager Kemna und das sozialistische Milieu im Bergischen Land, Oilthigh Ruhr, Bochum.
  4. Hunt, Tristram (2010). Marx's General: The Revolutionary Life of Friedrich Engels. Macmillan, ISBN 9780805092486.
  5. Bayer AG
  6. Biography | Pina Bausch Foundation”. Fonndas Pina Bausch. Air a thogail 3s dhen Lùnasdal 2021.