Drochaid Sguideil
Drochaid Sguideil | |
Drochaid Sguideil | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 34′ 0.01″ 4° 25′ 59.99″ |
Comharradh-clèithe | NH545555 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 1,661 (2011) |
Àireamh fòn | 01349 |
Còd-puist | IV7 |
'S e baile beag air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Drochaid Sguideil (Beurla: Conon Bridge)[1]. Tha e suidhichte air an Eilean Dubh aig ceann an iar Linne Chrombaidh air bruach Abhainn Chonainn. Tha Baile Màiri air taobh eile na h-aibhne agus tha Inbhir Pheofharain mu dhà mhìle (3 km) tuath air a' bhaile. Ann an 2011 bha 1,661 duine a' fuireach ann an Drochaid Sguideil[2].
Chaidh drochaid rathaid thairis air Abhainn Chonainn a thogail ann an 1809[3] a bha air a dhealbh le Thomas Telford eadar 1806 is 1809[4]. Ged-tà, chaidh an drochaid seo a leigeil agus drochaid ùr a thogail ann an 1969[4]. Chaidh drochaid-rèile a thogail thairis air an abhainn cuideachd a chaidh fhosgladh 11 an t-Ògmhios 1862[5]. Tha e clàraichte air liosta nan togalaichean clàraichte, roinn-seòrsa B[5].
Tha Stèisean Drochaid Sguideil ann an taobh a deas a' bhaile. Chaidh an stèisean a dhùnadh ann an 1960, ach chaidh e ath-fhosgladh a-rithist ann an 2013[6].
Dealbhan
deasaich-
Drochaid rèile
-
Drochaid rathaid, an drochaid ùr
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Drochaid Sguideil/Conon Bridge”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
- ↑ Brinkhoff, Thomas: “City Population” (Beurla). Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Conon Bridge” (Beurla). Gazetteer for Scotland. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ 4.0 4.1 “Maryburgh, Conon Bridge” (Beurla). Canmore. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ 5.0 5.1 “CONONBRIDGE RAILWAY BRIDGE” (Beurla). Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Conon Bridge railway station to reopen in 2013” (Beurla), BBC News. 19mh dhen t-Sultain 2012. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2017.
Bailtean | Abhach • Am Blàr Dubh • A' Chananaich • A' Mhanachainn • An Todhar • Cromba • Drochaid Sguideil • Poll Lochaidh • Ros Maircnidh |
Uisgeachan | Abhainn nam Manach • Abhainn Chonainn • Linne Chrombaidh • Linne Mhoireibh • Linne Fharair |
Àitichean sònraichte | Eaglais Chille Mhìcheil • Camas Uadail • Tarbhdail • Rubha na Cananaich |