Abhainn Chonainn
'S e abhainn ann an Alba a tha ann an Abhainn Chonainn (Beurla: River Conon no River Conan)[1][2].
Tha e a' tòiseachadh aig Loch Luichart, 5 mìle (8 km) iar-thuath air Cunndainn. Tha e a' sruthadh chun an ear-dheas tro Loch Achonachie gu Drochaid Sguideil agus an seo a-steach don Linne Chrombaidh. Tha e mu 12 mìle (19 km) a dh'fhaid.
San 20mh linn chaidh dà stèisean-cumhachd uisge a thogail ann an Luichart agus Torr Achiltyle le damaichean aig Loch Luichart agus Loch Achonachie mar phàirt den phròiseact Neart nan Gleann[3].
Thathar a' coimhead air Abhainn Chonainn mar chrìoch eadar an t-Eilean Dubh is tìr-mòr na h-Alba le Inbhir Pheofharain air tìr-mòr agus Drochaid Sguideil mar chiad bhaile den leth-eilean.
Leas-aibhnichean
deasaich- Black Water
- River Orrin
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Abhainn Chonnain/Aberlady” (Gàidhlig). Am Faclair Beag. Air a thogail 16mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Abhainn Chonnain”. Stòr-dàta Briathrachais SMO. Air a thogail 16mh dhen Ògmhios 2017.
- ↑ “Neart nan Gleann” (Beurla), td. 10. Scottish Hydro Electric. Air a thogail 16mh dhen Ògmhios 2017.