Poll Lochaidh

Poll Lochaidh
Suidheachadh
Poll Lochaidh is located in Alba
Poll Lochaidh
Poll Lochaidh (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Siorrachd Rois
Parraist Knockbain
Co-chomharran 57° 32′ 59.75″ T
4° 15′ 44.21″ I
Comharradh-clèithe NH647533
Feartan fiosaigeach
Còd-puist IV8

'S e baile beag air an Eilean Dubh a th' ann am Poll Lochaidh [1] no Poll Lòchaidh[2] (Beurla: Munlochy). Tha e suidhichte aig ceann Ob Poll Lòchaidh[3] air taobh an ear-dheas an leth-eilein deas air an A832 eadar Tore agus Abhach.

Craobhan le aodaich faisg air Tobar Churadain

Tha àitichean eachdraidheil timcheall air a' bhaile. Tha tobar chlùdaidh (clootie well) faisg air a' bhaile air an A832. Tha e ainmichte a rèir Naomh Curetán (Laideann: Curitanus, Kiritinus no Boniface), easbaig a bha beò timcheall air a' bhliadhna 700. Cuiridh daoine aodaich air na craobhan timcheall air Tobar Churadain[4] gus an latha an-diugh.[5] Chithear togalaichean eachdraidheil eile anns a' bhaile fhèin agus timcheall air a' bhaile, leithid Old Allangrange House no tobhtaichean Allangrange Chapel.[6]

Timcheall air a' bhaile tha coilltean agus fearann-tuathanais torrach ann.

A' Ghàidhlig

deasaich

Ann an 1881 bha 1866 duine a' fuireach an seo agus bha Gàidhlig aig 171 dhiubh.[7]

Iomraidhean

deasaich
  1. Poll Lochaidh/Munlochy”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2017.
  2. Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”, td. 90. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2017.
  3. Stòr-dàta briathrachais”. SMO. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2017.
  4. Saint Curidan's Clootie Well”. Am Faclair Beag. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2017.
  5. The-Clootie-Well”. Black Isle Info. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2017.
  6. Liosta de thogalaichean eadraidheil (2014): “Remembering Knockbain Parish Heritage(Beurla). Archaeology for Communities in the Highlands (ARCH). Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2017.
  7. Beaton, Angus John (1885): “An Illustrated Guide to Fortrose and vicinity(Beurla), td. 28. Archaeology for Communities in the Highlands (ARCH) i. Air a thogail 3s dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach

deasaich